Fhuair mi deagh leabhar air iasad bho mo charaid is co-obraiche Colin Baird – the Cycling Scot – bho chionn goirid mu rathaidean-iarainn an an Tìr nan Craobh.
San leabhar Rolling Home: a Cross Canada Railroad Memoir, tha Tom Allen a’ dol air a h-uile loidhne rèile san dùthaich mhòr sgoinneil seo. Tha an leabhar a` tòiseachadh le turas eadar Halifax NS air a’ chosta an iar agus Vancouver BC air a’ chosta an ear le Montreal QB agus Toronto ON air an t-slighe. Abair bailtean is abair tursan!
Chuir e iongnadh orm cho beag dè loidhnichean a th’ anns an lìonra nàiseanta (do luchd-siubhail) ach ged nach eil cus aca ann, tha iad gu math gu math fada mar a bhiodh tu an dùil san darna dùthaich as motha san t-saoghal.
(San dol seachad, bhiodh an seann Phrìomh Mhinistear againn Seac MacConail ag ràdh gur e Alba an “dùthaich bheag as fheàrr san t-saoghal”. B’ urrainnear argamaid làidir a dhèanamh gur e Canada an dùthaich mhòr as fheàrr san t-saoghal!)
Mar a thachair anns na Stàitean Aonaichte, thug pleanaichean saora agus rathaidean mòra buaidh mhòr air seirbheisean rèile fada do luchd-siubhail agus chaidh gearraidhean mòra a dhèanamh air na seirbheisean trans-continental. Chaidh seirbheisean luchd-siubhail a chur dhan roinn phoblaich mar Via Rail Canada ann an 1978. Ged a tha bathar fhathast air leth cudromach, ge-thà, chan eil a’ mhòr-chuid de na trèanaichean a’ falbh ach turas san latha no dhà no tri tursan san t-seachdain.
Seo mapa den t-siostam:

Lìonra nàiseanta an luchd-siubhail aig VIA Rail Canada
A bharrachd air na seirbheisean aig Via Rail tha seirbheisean rèile do luchd-turais aig an Rocky Mountaineer air loidhnichean nach eil nam pàirtean den lìonra nàiseanta an luchd-siubhail.

Cha robh mi ann an Canada riamh ach tha lèine-t Via Rail agam co-dhiù!
Tha tòrr a tha eadar-dhealaichte bho shiostam rèile na h-Alba seo. Sa chiad dol a-mach, tha na slighean tòrr mòr nas fhaide. Cuideachd, tha tòrr de na trèanaichean a’ ruith tron oidhche – rud nach eil idir cumanta an seo, tha tòrr càraichean-caidil (sleepers) ann agus tha biadh ceart ri fhaighinn an àite dìreach criospaichean is ceapairean.
Nas cudromaiche, tha seallaidhean air leth ann – na beanntan, na machraichean, an tundra is eile. Agus chì thu nàdar gu leòr, bho bhiobhairean gu moosaichean, mathanan agus fiù’s mathanan bàna. Chan eil cuimhne agam an turas mu dheireadh a chunnaic mi seallaidhean mar sin air loidhne Canàl Phàislig (Am Platypus Mall)!

Mathanan Bàn, Highland Wildlife Park, an Aghaidh Mhòr
Gu h-inntinneach, tha rathad-iarainn ann an Eilean Victoria BC ach tha e dùinte an-dràsta. Tha seo duilich agus a rèir coltais, tha e cuideachd a’ dol an aghaidh an aonaidh eadar Columbia Bhreatannach agus an còrr de Chanada. Tha iomairtean a’ dol gus a ath-fhosgladh. Tha mi an dòchas gun tèid gu math leotha.
Canada may be the only country in the world to have a written constitution tying its formation to the building of a railway. British Colombia threatened to join the United States if it was not given a rail line, so in 1867 at parliamentary act proclaimed the construction of the intercolonial Railway “essential to the consolidation of the Union of British North America”. (USA by Rail, John Pitt)
Vive Columbie-Britannique, vive Columbie-Britannique Libre!

Stèisean Bhictoria, BC Dealbh le mo charaid Alex Coineagan, Hamhaig.
Alasdair
Pingback: Trèana Dhè – Rathaidean-iarainn ann am Meanbh-stàitean na h-Eòrpa | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean