Dà dhùthaich air an sgaradh le cànan sa chumantas! Leasan briathrachais #gaidhlig

Tha mi air a bhith a’ leughadh tòrr mu na rathaidean-iarainn ann an Canada is na stàitean aonaichte bho chionn goirid.

Chur e iongnadh mòr orm de cho eadar-dhealaichte sa tha briathrachas nan rathaidean-iarainn ann am Ameireagaidh a tuath ri briathrachas na RA/Èireann. Tha fios aig a h-uile duine gur e railroad a th’ aca seach railway ach tha tòrr a bharrachd ann.

Seo liosta briathrachais a rinn mi. Dh’fheuch mi ri Gàidhlig a chur air a h-uile rud cuideachd!

 

Shunter no switcher?

Shunter no switcher?

 

Beurla na RA Beurla nan SA Gàidhlig
Tram Streetcar / trolley Trama
Driver Engineer Dràibhear
Sleeper Cross-tie / tie Trasnan
Rail enthusiast /   trainspotter Rail fan / foamer (i.e   foams at the mouth when sees a train) Dealasach   thrèanaichean
Rail enthusiast /   trainspotter Canada: DRF (demented rail  fan) Dealasach   thrèanaichean
Brake van Caboose Bhan nam brèigichean
Level crossing Grade crossing Crois-rèile fosgailte
Shunter (shunting   locomotive) Switcher ?
Railway station Train station Stèisean rèile
Route (pronounced ’rùt’) Route (pronounced ’rabhd’) Slighe
Couple Add Ceangail
Uncouple Cut Dì-cheangail
Bogie Truck Bògaidh
Request stop / halt Flag stop Stad roghainneil
Banker Helper Einnsean-cuideachaidh
Buffer stop Bump stop Na bufairean / Stad bufair
Rolling stock Equipment Carbadan rèile

 

Trama no càr-sràide?

San aon dol seachad. Tha e a’ cur dragh mòr, mòr, mòr air dealasaiche-rèile san RA ma chanas daoine “train station”. Tha e a cheart cho dona ri bhith a’ cantainn “Gaylick” ri Gàidhlig. Dìreach na dean e, OK!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s