Ais-èirigh loidhne Shrath Pheofhair? Iomairt an latha! #gaidhlig #siorrachddrois

Dhùin an rathad-iarainn gu Srath Pheofair air ais ann an 1951 ach dh’fhaodte gun ruith treànaichean sa bhaile aon uair eile ann an ùine nach bi ro fhada ma bhios iomairt ùr soirbheachail.

Tha buidheann de luchd-iomairt rèile dìreach air iarrtas dealbhaidh a chur a-steach gu Comhairle na Gàidhealtachd gus an loidhne ath-fhosgladh.

Stèisean Shrath Pheofhair

Chaidh an loidhne fhosgladh an tòiseach ann an 1885 mar mheur-loidhne aig loidhne Chaol Loch Aillse. Bhiodh na trèanaichean a’ dol eadar Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofhair, a’ fàgail na mòr-loidhne aig ceann-rèile Fhodhraitidh (Fodderty). Is e rathad-iarainn gu math goirid a bh’ ann – dìreach 5 mìle gu Inbhir Pheofharain – agus cha do mhair an turas ach mu 10 mionaidean.

Chaidh an rathad-iarainn a thogail gus am biodh e na b’ fhasa do luchd-turais a dhol dhan spa ainmeil sa bhaile. Bha tòrr de na daoine seo gu math beartach agus is e togalach gu math spaideil goireasach a chaidh a thogail – an seòrsa togalach ris am biodh tu an dùil ann am baile meadhanach mòr seach ann am baile beag mar Srath Pheofhair.

Chaidh turasachd an lughad as dèidh a’ Chogaidh Mhòr agus chaidh an loidhne a dhùnadh do luchd-siubhail mu dheireadh ann an 1946 agus do bhathair ann an 1951. Ma chuideachas gu leòr de dhaoine an iomairt, ge-tà, dh’fhaodte gum bidh trèanaichean air ais sa bhaile ann am bliadhna no dhà.

Mar toiseach tòiseachaidh, tha an luchd-iomairt ag amas air mu mhìle den loidhne ath fhosgladh ann an Srath Pheofhair fhèin. Tha an togalach fhathast ann is fhathast ga chleachdadh leis a’ choimhearsnachd is le dìofar ghniomhachasan beaga.

Ma tha thu airson an iomairt chudromach leirsinneach seo a chuideachadh, is urrainn dhut do bheachdan a chur a-steach air an iarrtas dealbhaidh air làrach-lìn Comhairle na Gàidhealtachd. Cha leig thu leas mòran a sgrìobhadh, tha e furasta agus cha toir e fada. (Na dìochuimhnich na beachdan agad a sgrìobhadh sa Ghàidhlig!)

Stèisean Shrath Pheofhair an-diugh

Stèisean Shrath Pheofhair an-diugh

Anns an ùine fhada, tha iad ag amas air trèanaichean smuid a ruith eadar Srath Pheofharain is Inbhir Pheofharain (a tha air an lionra rèile nàiseanta). Cha bhiodh seo furasta ach ghabhadh a dhèanamh mar a chunnaic sinn air an North Yorkshire Moors Railway far a bheil trèanaichean na trèanaichean smùid aca a’ ruith air an lionra nàiseanta gu Whitby agus ann an Norfolk far a bheil trèanaichean bhon North Norfolk Railway gu bhith a’ ruith gu Cromer.

Gu h-annasach, bhiodh loidhne a Chaol air a dhol tro Srath Pheofhair a-mach agus bhiodh stèisean aig a’ bhaile fhathast mur a robh uachdarain na sgìre air a bhith cho rag anns na 1860an. Nuair a bhathar a’ planadh loidhne a’ Chaoil, cha robh iad ag iarraidh loidhne rèile tron bhaile agus bha aig a’ chompanaidh reile ri am planaichean atharrachadh agus loidhne a’ Chaol a thogail air slighe nas miosa agus nas daoire dà mhìle a thuath air Srath Pheofair.

Ma tha barrachd fiosrachaidh a dhìth ort mu loidhne Shrath Pheofair, faic an làrach-lìn Am Baile far a bheil tòrr fiosrachadh inntinneach ann mun rathad-iarainn agus mun spa fhèin. Tha làrach-lìn aig an iomairt cuideachd.

Chì mi air an Strathpeffer Spa Express sibh!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s