Sùil air ais air bliadhna nan trèanaichean #gaidhlig

Bha mi trang gu leòr air na trèanaichean a-rithist ann an 2013.

Anns an Fhaoilleach, ruig mi clach mhìle chudromach:  tha mi a-nis air siubhail air a h-uile loidhne rèile phoblach ann an Alba.  (A h-uile loidhne aig Network Rail ann an Alba a tha fosgailte do luchd-siubhail.)

An trèana oidhche, Glaschu Mheadhain

An trèana oidhche, Glaschu Mheadhain

Chaidh mi air trèana oidhche airson a’ chiad turais cuideachd eadar Glaschu agus Lunnainn agus abair gun robh e math!

Chaidh mi air càr-càbaill sgoinneil, an Emirates Airline ann an Lunnainn nuair a bha mi air turas gu tachartas Gàidhlig aig an Oifis Albannaich ann an Lunnainn agus dh’fheuch mi an Overground cuideachd, a’ gabhail a-staigh loidhne Lunnainn an Ear “The East Slumdon Line” a bha uair mar phàirt den tiùb.

Emirates Airline, Lunnainn

Emirates Airline, Lunnainn

Anns a’ Ghearran chaidh mi air an Eurotunnel airson a’ chiad turas agus mi air an t-slighe gu Pàrlamaid na h-Eòrpa agus Pàrlamaid Fhlannrais anns a’ Bhruiseil.

St Pancras Eadar-nàiseanta (SPX)

An Eurostar, St Pancras Eadar-nàiseanta (SPX)

Shiubhail mi air siostam an DLR (Docklands Light Railway) air fad cuideachd agus chòrd e rium a bhith a’ leigeil orm gun robh mi a’ dràibheadh na trèana!

A' dràibheadh na trèana! An DLR, Lunnainn

A’ dràibheadh na trèana! An DLR, Lunnainn

Dh’fheuch mi an Routemaster ùr ann an Lunnainn cuideachd – am Borismaster.

New Bus for London - New Routemaster

New Bus for London – New Routemaster

Sa Mhàirt,chaidh mi gu Eilean Wight – air bàta-falbhain (hovercraft) – gus seann trèanaichean tiùb Lunainneach fhaicinn.  Chaidh an togail ann an 1938 ach tha iad fhathast a’ ruith seirbheisean poblach a h-uile latha air Eilean Wight air rathad-iarainn an eilein a tha a’ ceangal Ryde agus Shanklin.

Trèana eadar Ryde Pier Head (RYP) and Ryde Esplanade (RYD), Eilean Wight

Trèana eadar Ryde Pier Head (RYP) and Ryde Esplanade (RYD), Eilean Wight

Sa Ghiblean, chaidh mi fhèin is m’ uncail air turas gu tuath airson a dhol air Rathad-iarainn Shrath-Spè agus air Rèile-beinne a’ Chàirn Ghuirm airson a’ phàidh macaroni as àirde ann an Alba!

Coit Ghartain, Rathad-iarainn Shra Spè

Coit Ghartain, Rathad-iarainn Shra Spè

Chaidh mi fhèin is Ciorstaidh is Jenny (ged a bha i an dùil ri leanbh uair sam bith!) air trì meanbh-rathaidean-iarainn airson a’ chiad turais cuideachd: Coilium ann an Cill Saidhe, Baile na Tràighe ann an Carraig agus Pàirce Agnew anns an t-Sròn Reamhar (“Mummy – that means fat nose in Gaelic – how cool is that” mar a thuirt Ciorstag!)

Meanbh-rèile Craigiemains, Baile na Tràighe, Carraig, Schd Air

Meanbh-rèile Craigiemains, Baile na Tràighe, Carraig, Schd Air

Sa Chèitean, rugadh Eubha Ròs NicCaluim, piuithar do Chiorstaidh, agus cha b’ fhada gus an robh cothrom aice a dhol air trèana airson a’ chiad uair (DUM-GLC-DUM).

Eubha bheag agus Ciorstaidh air trèana, Gleann Amain, Lodainn

Eubha bheag agus Ciorstaidh air trèana, Gleann Amain, Lodainn

San Ògmhios, bha cothrom agam a dhol guj trama-lann tramaichean Dhùn Èideann ann an Gogar le co-obraichean bhon Phàrlamaid.  Tha mi a’ dèanamh fiughar ri fosgladh siostam nan tramaichean am-bliadhna!

Tram-lann Dhùn Èideann, Gogar, D.È

Tram-lann Dhùn Èideann, Gogar, D.È

San Iuchair, chaidh an teaghlach air saor-làithean gu “Sgìre nan Loch” ann an Sasainn agus airson a’ chiad turais riamh, dh’fheuch sinn gun an càr a chleachdadh idir. Mar phàirt de seo, chaidh mi air turas air seann Routemaster Lunnainneach timcheall air Windermere is Kendal.

Routemaster, Stèisean Windermere (WDM)

Routemaster, Stèisean Windermere (WDM)

San Lùnastal, chaidh sinn gu Siorrachd Pheairt gus Rathad-iarainn Aotrom na Gàidhealtachd fhaicinn.

Rathad-iarainn na Gàidhealtachd, Schd Pheairt

Rathad-iarainn na Gàidhealtachd, Schd Pheairt

Abair bliadhna! Uile gu lèir rinn mi 17,359 mìle rèile.

Alasdair

Mìltean rèile ann an 2013: 17,359

An stèisean as fhaide a tuath: Inbhir Nis (INV); an iar: an Leargaidh Ghallda (LAR), a deas:  Shanklin (SHN); an ear:  Brussel-Zuid (BXS).

Dùthchannan: Alba, Sasainn, An Fhraing, Flannras.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, tramaichean agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s