2014: Caerdydd, Casnewydd agus Àrd Ruigh de la Mer #gaidhlig

Bha bliadhna gu math trang agam ann an 2013 le tòrr thursan mòra fada. Nas cudromaiche, tha mi a-nis air a h-uile rathad-iarainn san lìonra-nàiseanta ann an Alba a dhèanamh.

Dè a-nis ma-thà? Deagh cheist. Cha bhi cothrom agam cus a dhèanamh oir tha bèibhidh beag againn a-nis – Eubha Ròs – a tha gar cumail trang agus tha mi gu bhith gu math trang san oifis cuideachd.

A dh’aindeoin seo, tha fios gum bidh cothrom no dhà agam siubhail air loidhnichean is trèanaichean ùra. Agus tha Ciorstaidh, mo nighean eile daonnan deònach a bhith a’ tighinn air safari rèile còmhla rium- cho fad’s a bhios chips rim faighinn!

Caledonian Railway, Breichin (Bha mi ann ach cha robh na trèanaichean a’ ruith mar thoradh air tuiltean!)

Ged a rinn mi a h-uile rathad-iarainn aig Network Rail ann an Alba (uill, a h-uile rathad-iarainn aig a bheil seirbheis do luchd-siubhail) tha dà loidhne ghlèidhte nach d’rinn mi fhathast: Dufftown & Keith sa cheann an ear thuath agus Caledonian Railway Breichin agus nì mi cinnteach gun tèid mi a chèilidh air tè de na loidhnichean sin am-bliadhna.

Tha meanbh-rèile no dhà nach do dh’fheuch mi fhathast agus tha mi an dòchas gum bi cothrom agam a dhol gu Wester Pickston aig Scottish Model Engineering Trust ann an Siorrachd Pheairt.

Nas fhaide a tuath, tha mi an dùil a dhol gu Steòrnabhagh/Àrd Ruigh sur Mer airson coinneimh sa Ghearran agus air thèid mi air trèana, bus is bàta sa Ghearran an àite a bhith a’ dol air a’ phleana.

Stèisean Keith Town

Stèisean “Keith Town”. Cha robh an rathad-iarainn a’ ruith an turas a bha mi ann….

Bidh mi a’ dol dhan Chuimrigh airson turas-rannsachaidh gu Seanadh na Cuimrigh agus fhad’s a bhios mi ann, bidh mi cuideachadh a’ rannsachadh is ag aithris rud beag air rathaidean-iarainn timcheall air Caerdydd/Cardiff agus Casnewydd/Newport.

‘S e bliadhna mhòr a bhios ann ann 2014 dhomh oir tha mi gu bhith 40 bliadhna a dh’aois aig deireadh a’ Ghearrain agus bidh an teaghlach a’ dol gu Taigh-tasgaidh Fosgailte Shasainn a Tuath ann am Beamish airson latha no dhà mar prèasant co-latha-breith. Metro a’ Chaisteil Nuadh, tramaichean, trèanaichean agus ‘s dòcha bus-tràilidh cuideachd! ‘S mi a bhios air mo dhòigh!

Dh’fhaodte gun tèid mi dhan Aln Valley Railway, rathad-iarainn glèidhte ùr ann an Northumberland ma bhios cothrom agam.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, tramaichean. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s