Anoraknophobia! Còdaichean CRS #gàidhlig

Rabhadh slàinte – tha am post seo gu math anaragach!

Tha mi gu math dèidheil air liostaichean. Tha seo cumanta am measg nam fear, tha e nar DNA saoilidh mi.

Tha liosta agam den a h-uile consart aig an robh mi riamh mar eisimpleir (agus tha fios gu bheil rocairean gu math deidheil air liostaichean is a bhith a’ cuimhneachadh air fios mionaideach mu cheòl).

Wishbone Ash beò air a’ Ferry, Glaschu, 27/10/13

Chanainn gur e dèanamh liostaichean fear de na rudan as motha a tha a’ còrdadh ri dealasaichean thrèanaichean. Faodaidh tu liosta a dhèanamh, mar eisimpleir, de na trèanaichean a chunnaic thu no de na tursan a ghabh thu no na stèiseanan far an do ghlac thu trèana.

MAX

Bidh mi a’ cumail liosta den a h-uile turas rèile a nì mi air Railmiles agus san dòigh sin, faodaidh mi obrachadh a-mach cia mheud mìle-rèile a nì mi gach bliadhna. Rinn mi 17,359m ann an 2013  agus 18,714 ann an 2012. Sin còrr is ceithir seachdainean air trèanaichean san dà bhliadhna mu dheireadh!

Nis, ma bhios tu a’ sgrìobhadh tòrr mu rathaidean-iarainn no a’ cleachdadh railmiles no làraichean-rèile eile, tha e gu math feumail a bhith eòlach air na còdaichean CRS no còdaichean Alpha – rud anaragach eile a tha a’ còrdadh gu mòr ri dealsaichean thrèanaichean.

‘S e a th’ anns na còdaichean seo ach còdaichean trì-litreach airson stèiseanan rèile. Tha còd aig gach stèisean rèile air lìonra Network Rail – còrr is 2,500 dhiubh uile gu lèir. Mar eisimpleir, seo cuid de na stèiseanan as cudromaiche ann an Alba: Dùn Èideann Waverley– EDB, Glaschu Mheadhain – GLC, Glaschu Sràid na Banrigh – GLQ, Inbhir Nis – INV, Peairt – PTH.

GLQ

A bharrachd air seo, tha còd aig beagan stèiseanan taobh a-muigh lìonra Network Rail, mar as trice, àiteachan far a bheil tiocaidean-troimhe (through tickets) rim faighinn . Mar eisimpleir, tha còdaichean aig Brussel-Zuid/Bruxelles Midi: BXS, Paris Nord: PBN agus tòrr mòr stèiseanan ann an Èireann – an dà chuid Iarnród Éireann agus NIR: Baile Átha Cliath Stáisiún Uí Chonghaile: DCL, Baile Átha Cliath Stáisiún na bPiarsach: DBP, Beál Feirste Lárnach: BFC agus mòran a bharrachd.

Tha còdaichean airson cinn-ùidhe airson tiocaidean-troimhe rèile/aiseag mar Steòrnabhagh: SOY, Armadal (An t-Eilean Sgitheanach): AMA, Tràigh a’ Chaisteil (Eilean Àrainn): BDC no tursan bus mar Phort Adhair Ghlaschu: GGT, Port Rìgh: PEE, Cìll Rimhinn: SAO. Tha GUS ann airson Gearnsey (Geansaidh?!) agus JSY airson Jersey cuideachd agus DGS airson Doolish ann an Eilean Mhanainn.

Tha cuisean a’ fàs nas fheàrr buileach ann an Lunnainn oir chan eil aon chòd ach dà chòd aig gach stèisean air Underground Lunnainn! Tha fear aig Network Rail agus fear eile aig London Underground fhèin! Mar sin, ma tha thu ann an, can Baker Street, tha thu an dà chuid ann an BST agus ZBS. Bidh na còdaichean aig Network Rail airson stèisean Underground a’ tòiseachadh le Z.

SRA

Tha e a’ còrdadh gu mòr rium na còdaichean seo a chleachdadh! Seo an turas abhaisteach agam dhan oifis: DUM-GLC-EDB, EDB-GLQ, GLC-DUM. Nas fhaide air adhart am-bliadhna, ge-tà, tha mi a’ planadh an turais seo: DUM-GLC, GLQ-INV, INV-ULP (bus),ULP-SOY (aiseag). Airson mo cho-latha-breith, bidh sinn a’ dol air turas eile: DUM-GLC-NCL. Agus bidh mi a’ dol air an turas seo le m’ obair: GLC-BRI-NWP-CDF-CDB. Agus b’ e an turas rèile a b’ fhaide a rinn mi riamh ann an aon latha: DUM-GLQ-EDB-INV-WCK-THS-WCK-INV-EDB-GLQ-DUM!

Abair spòrs!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri Anoraknophobia! Còdaichean CRS #gàidhlig

  1. Pingback: Ath-thilleadh nan anarag marbhtach! Còdaichean CRS II #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s