Rathaidean-iarainn san t-Saoghal ùr 2: na Stàitean Aonaichte #gaidhlig #amtrak

Tha mi air tòrr droch rudan a ràdh mu mhuinntir nan Stàitean Aonaichte thairis air na bliadhnaichean. Mar eisimpleir tha mi den bheachd nach eil iad a’ tuigsinn TBh, teoclaid no ceòl roc.

Cha toil leam poileasaidh cèin nan Stàitean Aonaichte nas motha ach air an làimh eile, tha tòrr charaidean Ameireaganach agam agus chan eil gin aca ro dhèidheil air a bharrachd!

Feumaidh mi ràdh ge-tà gu bheil rudan sgoinneil mun dùthaich cuideachd agus gu bheil an t-àm ann a bhith cothromach.

‘S a chiad dol a-mach, tha coltas muc-mhara air na Stàitean Aonaichte. Feumar aideachadh gu bheil sin cool!

Na Stàitean Aonaichte – muc mhara mhòr dhòigheil!

San dàrna àite, thug iad dhuinn the Doors, Jimi Hendrix agus Van Halen.

Ach nas cudromaich na sin, tha trèanaichean mòra mòra anns na Stàitean. Tha mi dèidheil gu sònraichte air Amtrak, a’ chompanaidh – a tha leis an stàit mar as còir – a bhios a’ ruith nan trèanaichean eadar-chathrach (inter-city) do luchd-siubhail air feadh nan Stàitean.

Tha na rathaidean-iarainn anns na Stàitean gu math eadar-dhealaichte bho na rathaidean-iarainn an seo. San RA, cha bhi na rathaidean-iarainn a’ giùlan ach cuid gu math beag den bhathar, agus ‘s ann airson luchd-siubhail as motha an tha an siostam. Tha an caochladh fìor sna SA far is e bathar as cudromaich is nach eil seirbheisean luchd-siubhail idir cho mòr.

Lìonra nàiseanta Amtrak

Chan eil ach mu 500 stèisean rèile aig Amtrak an taca ri mu 2,500 aig Network rail (mu 350 dhiubh sin ann an Alba fhèin!)

A rèir fios bho Amtrak fhèin, chleachd 31 millean luchd-siubhal trèanaichean aig Amtrak ann an 2012 no mu 85,000 gach latha. Tha na h-àireamhan sin fada, fada air dheireadh air figearan na RA far an do chleachd còrr math is an deich uimhir sin, còrr is 376 millean duine, trèanaichean ann an dìreach aon chairteil den aon bhliadhna!

Tha an siostam gu math soirbheachail, ge-tà, air costa an ear na dùthcha eadar Boston, New York, Philidelphia agus Washington DC far a bheil tòrr thrèanaichean is tòrr luchd-cleachdaidh ann.

A rèir coltais, leis cho mòr sa tha an dùthaich is le seirbheisean adhair cho saor is cho pailt an-diugh, is fheàrr leis a’ mhòr-chuid a bhith a’ siubhal air plèanaichean airson tursan fada. Airson cuid de na slighean seo, cha bhi ach aon trèana gach latha no fiù’s 3 no 4 trèanaichean san t-seachdain. A dh’aindeoin sin, ge-tà, tha na h-àireamhan a’ fàs air feadh an t-siostaim is barrachd is barrachd dhaoine airson a bhith nas uaine.

Tha mi a’ tuigsinn carson a tha an trèana a’ fàs nas fhasanta a-rithist. Chan eil turas bho New York gu LA no bho Chicago gu Miami coltach ri turas eadar Lunnainn is Newcastle no Glaschu is Dùn Deagh. ‘S e slighe fhada fhada a th’ann tro dhiofar chruthan-tìre agus tha rudeigin car fuadain mu bhith a’ dol eadar an dà chuid ann am plèana is gun a bhith a’ faicinn dad eatorra.

‘S e rud eile a tha math mu dheidhinn Amtrak gum bi iad a’ toirt seachad deagh bhiadh – biadh ceart air truinnsearan ceart an àite dìreach ceapairean is criospaichean mar a gheibh thu an seo – agus gu bheil na trèanaichean-cadail no sleepers gu math cumanta a chionn ‘s gu bheil cuid de na slighean cho fada. Chan eil ach dà thrèana-oidhche air fhagail san RA a-nis: Alba-Lunnainn agus A’ Chòrn-Lunnainn.

Trèana oidhche na h-Alba ann an EUS, Lunnainn

Tha Amtrak ceangailte ri bailtean nach eil air an lìonra rèile nàiseanta le tiocaidean Thruway cuideaachd – busaichean no trèanaichean ionadail. Còmhdhail cheangailte den t-seòrsa nach eil againn an Alba fhathast.

A bharrachd air na seirbheisean eadar-chathrach aig Amtrak, tha tòrr sheirbheisean  meatro, trama agus rèile-ionadail ann am bailtean mòra nan SA. Uile gu lèir, tha 15 meatrothan, 32 siostaman trama is 25 lìonra rèile-ionadail (no rèile choimiutair). Tha còig siostaman bus-tràilidh cuideachd:  Boston, Dayton (Ohio), Philadelphia, San Francisco, Seattle.

Rèile ionadail/tramaichean ann an Salt Lake City, Utah

Agus tha an Alaska Railroad ann cuideachd ach ‘s e sgeulachd airson post eile a tha sin!

Mar sin, tha mi deònach aideachadh gun robh mi ceàrr. Tha na Stàitean sgoinneil.

Tha mi fhathast ceart mun teoclaid ge-tà!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, tramaichean agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 freagairtean ri Rathaidean-iarainn san t-Saoghal ùr 2: na Stàitean Aonaichte #gaidhlig #amtrak

  1. Thuirt Wilson McLeod:

    Inntinneach is cothromach. Is d’ fhiach iomradh a dhèanamh air an t-seirbheis shoirbheachail eadar Los Angeles agus San Diego – 8 trèanaichean sa latha (turas a mhaireas 2:45 ged nach eil ach 125 mìle eadar an dà bhaile).

    Tha cuid de na stèiseanan glè bhrèagha cuideachd, gu h-àraidh Union Station ann an LA – faic

    'S toil

    • Taing mhòr a Wilson. Fiosrachadh feumail is inntinneach. Aidh, a bharrachd air meatrothan is tramaichean, tha grunn loidhnichean “commuter” ann cuideachd a tha air am maoineachadh leis na stàitean fhèin seach le Amtrak. Dhiochuimhnich mi an cur ann. Ùraichidh mi am fios.

      'S toil

  2. Pingback: Trèana Dhè – Rathaidean-iarainn ann am Meanbh-stàitean na h-Eòrpa | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s