Rathaidean-iarainn san t-saoghal ùr 3: Rathad-iarainn Alaska #gaidhlig @AKRR

Thug mi sùil air rathaidean-iarainn sna Stàitean Aonaichte sa bhlog mu dheireadh agam, a’ coimhead gu sònraichte air Amtrak.

Tha rathad-iarainn mòr cudromach eile sna Stàitean a tha a’ toirt seachad seirbheis do luchd-siubhail, ge-tà is nach eil mar phàirt den lìonra nàiseanta idir is, gu dearbh, nach eil fiù’s ceangailte ris a’ chòrr den t-siostam.

‘S e sin an Alaska Railroad a tha a’ ruith bho Seward is Whittier anns a’ cheann a deas, tron phrìomh bhaile Anchorage tuath gu Fairbanks – an dàrna baile as motha san stàit.  Tha an loidhne 470 mìle a dh’fhaide is chaidh a togail eadar 1903 agus 1923.

Lìonra Alaska Railroad (ARR)

Chan eil an rathad-iarainn ceangailte ri lìonra rèile Chanada no nan Stàitean Aonaichte ged a tha ceanglaichean mara ann le Seattle agus le Prince Rupert (ann am BC, Canada)  le bàtaichean-trèana (far am bi na trèanaichean fhèin a’ dol air a’ bhàta!)

‘S e loidhne bathair as motha th’ ann, a’ giulain gual ach tha seirbheisean do luchd-siubhail ann cuideachd, seirbheisean a tha ag amas gu sònraichte air luchd-turais, gu h-àraid ann am mìosan an t-samhraidh. Tha seallaidhean sgoinneil rim faicinn bhon trèana agus tha an loidhne a’ dol tro dhà phàirc nàiseanta.

Tha an rathad-iarainn le riaghaltas stàite Alaska.

Bratach Alaska

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s