Rathaidean-iarainn san t-saoghal ùr 4: Na h-Eileanan Siar #gaidhlig #hawaii

Às dèidh dhuinn sùil a thoirt air suidheachadh nan rathaidean-iarainn ann an tìr-mòr nan Stàitean Aonaichte is an uair sin air rathad-iarainn Alaska, tha an t-àm ann a-nis coimhead air na h-Eileanan Siar agus na h-Eileanan a Deas.

Chan eil mi a’ ciallachadh Innse Gall no Uibhist is Barraigh idir ach eileanan nan Stàitean Aonaichte: Hawai’i is Puerto Rico!

Bratach Hawai’i

Tha tòrr rudan inntinneach mu stàit Hawai’i agus mu ranntair (territory) Phuerto Rico. Sa chiad dol a-mach, bu chòir dhaibh a bhith neo-eisimileach seach a bhith nam pàirt de na Stàitean Aonaichte nam bheachdsa! Cuideachd, tha ceistean cànain cudromach san dà àite: mion-chànan ann an Hawai’i – Hawaiis  – Ōlelo Hawaiʻi – agus mòr-chànan – Spàinnis – ann am Puerto Rico far nach eil a’ Bheurla ach aig glè bheag den t-sluagh.

Bratach Phuerto Rico

Chan eil mi an seo airson bruidhinn mu phoileataics no mu chànanan, ge-tà,  ach mu rathaidean-iarainn.

B’ àbhaist rathaidean-iarainn gu leòr a bhith ann an dà chuid ann an Hawai’i – air iomadh diofar eilean – agus ann am Puerto Rico a bhiodh a’ giùlain an dà-chuid bathair is luchd-siubhail ach ‘s e glè glè bheag a tha air fhàgail an-diugh mar thoradh air atharrachaidhean san eaconomaidh  agus air dòighean-siubhail.  Ann an Hawai’i, a bharrachd air na duilgheadasan àbhaisteach seo, chaidh a’ chuid as motha den lìonra-rèile a sgrìos ann an sunamaidh ann an 1946.

Aig an àm seo, tha grunn rathaidean-iarainn glèidhte goirid ann an Hawai’i do luchd-turais ach chan eil bathar no luchd-siubhail gan giùlain air an rèile idir tuilleadh. Cha mhair an droch shuidheachadh seo mòran nas fhaide ge-tà, oir thathar a’ togail meatro ann an Honolulu  an-dràsta fhèin. Bidh an loidhne seo 20 mìle a dh’fhaid.

Mapa de mheatro ùr Honolulu a tha ga thogail an-dràsta

Ann am Puerto Rico, chan eil gin de na seann rathaidean-iarainn air fhàgail ach tha meatro ann: An Tren Urbano anns a’ phrìomh bhaile San Juan, loidhne 10 mìle a dh’fhaid a dh’fhosgail ann an 2004.

Tren Urbano, San Juan, Puerto Rico

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s