Rathaidean-iarainn san t-Saoghal ùr 6: Sealainn Nuadh/Aotearoa #gaidhlig #nz

Coltach ris na SA is Canada, bha rathaidean-iarainn cudromach ann a bhith a’ cruthachadh is ag aonachadh Sealainn Nuadh mar dùthaich.

Mar a thachair ann an dùthchannan eile “an t-Saoghail Ùir” ge-tà, dh’atharraich cùisean san dàrna leth den 20mh linn le càraichean is plèanaichean agus ‘s an latha an-diugh, ‘s e bathair as motha a bhios a’ cleachdadh nan loidhnichean eadar-chathrach agus chaidh tòrr loidhnichean a dhùnadh. Sa chiad mhapa, chithear na loidhnichean rèile air fad san lìonra nàiseanta (KiwiRail).

Lìonra rèile Shealainn Nuaidh

Lìonra rèile Shealainn Nuaidh

San dàrna mhapa, chithear na loidhnichean eadar-chathrach a tha a’ toirt seachad seirbheis do luchd-siubhail. Chan eil cus ann mar a chithear agus tha an fheadhainn a tha air fhàgail ag amas gu ìre mhòr air luchd-turais seach air muinntir an àite. Is dòcha nach eil seo na iongnadh ann an dùthaich a tha rud beag nas motha na Breatainn ach le sluagh a tha rud beag nas ìsle na Alba ach is bochd nach eil na trèanaichean luchd-siubhail a’ ruith gu ceann a deas Eilean a Deas, gu Dùn Èideann (Dunedin) is Inbhir Chathair Ghàidheal (Invercargill) tuilleadh. Gu mì-fhortanach, chaidh tòrr de na seirbheisean seo a dhùnadh anns na 2000an aig àm nuair a bha seirbheisean rèile ann an dùthchannan eile a’ leudachadh agus mothachadh air cùisean na h-àrainneachd a’ fàs.

Seirbheisean Luchd-siubhail ann an Sealainn Nuadh

Ged nach eil na seirbheisean eadar-chathrach uamhasach pailt, ge-tà, tha siostaman rèile ionadail anns an dà bhaile as motha, Auckland agus Wellington, an dà chuid san Eilean a Tuath. Coltach ri Glaschu is Dùn Èideann ann an Alba, is e  Auckland am baile as motha ach is e Wellington am prìomh bhaile. Coltach ri Glaschu cuideachd, tha còrr is millean duine a’ fuireach ann am mòr-sgìre Auckland ach tha mòr-sgìre Wellington, le sluagh de mu 400,000 nas lugha na Dùn Èideann.

Lìonra-rèile Auckland

Lìonra-rèile Auckland

Thathar a’ dealanachadh nan loidhnichean rèile ionadail ann an Auckland an-dràsta agus thathar a’ planadh  cuideachd leudachadh ann an siostam rèile a’ bhaile leis an City Rail Link.

Tha a’ mhòr-chuid den t-siostam rèile ionadail ann am Wellington air a dhealanachadh mar-tha.

Lìonra-rèile Wellington

Lìonra-rèile Wellington

Agus a bharrachd air na trèanaichean, tha lionra busaichean-tràilidh mòr ann an Wellington cuideachd. seo an aon siostam bhus-tràilidh ann an Oceania air fad.

Tha rèile-beinne ainmeil ann am Welllington cuideachadh – Wellington Cable Car a tha cudromach ann an còmdhail phhoblach a’ bhaile.

Càr-càbaill Wellington, Dealbh le Michael Peters

Càr-càbaill Wellington, Dealbh le Michael Peters

Gu h-inntinneach, chaidh na rathaidean-iarainn ann Sealainn Nuadh a chur dhan roinn phrìobhadaich ann an 1993 mun aon àm sa thachair e san RA.  Dh’fhàs e soilleir a dh’aithghearr, ge-tà, nach robh seo ag obrachadh idir is gun robh an lìonra rèile a’ dol am miosad is chaidh siostam na rèile a chur air ais dhan roinn phoblaich a-rithist ann an 2008. Saoil a bheil leasan an seo dhuinn?!

‘S e rud eile a tha inntinneach mu rathaidean-iarainn Shealainn Nuaidh gu bheil iad a’ cleachdadh gèidse neo-àbhaisteach – 3’6″.

A bharrachd air an lìonra nàiseanta, tha tòrr rathaidean-iarainn/siostaman tramaichean glèidhte anns an dùthaich, a’ gabhail a-steach slighe-trama do luchd-turais ann am baile Christchurch.

Abair dùthaich – a’ chànan Maoiri, Lord of the Rings, trèanaichean, tramaichean agus busaichean-tràilidh!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, Rathaidean-iarainn glèidhte, tramaichean. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s