Ath-thilleadh nan anarag marbhtach! Còdaichean CRS II #gàidhlig

Bha mi cho excited nuair a bha mi a-mach air na còdaichean trì-litreach (còdaichean CRS) bho chionn goirid is gun do dhiochuimhnich mi sgrìobhadh càite am faighear na còdaichean. 

Ach mus innse mi dhuibh, seo còd no dhà eile dhuibh!

RTY

RTY

Mar a thuirt mi sa phost mu dheireadh air a’ chuspair seo, a bharrachd air stèiseanan, tha còdaichean ann airson tòrr àiteachan nach eil air an lìonra rèile ach far am faighear tiocaid a tha a’ gabhail a-steach turas rèile agus turas bus no aiseag cuideachd.

A chionn ‘s gur e sàr anarag a th’ annam, tha mi air a bhith a’ cruinneachadh nan còdaichean airson àiteachan mar seo.

Puirt / Eileanan

Còd Àite (Gàidhlig) Àite (Beurla)
ARA Armadal Armadale (Skye)
BDK Tràigh a’ Chaisteil Brodick
BDD An t-Àth Leathann Broadford (Skye)
BFA Port Bheul Feirste Belfast Port
CLO Colla Coll
CNA Canaigh Canna
CPR Càrn Rìoghain Cairnryan
CRU Creag an Iubhair Craignure (Mull)
CTB Bàgh a’ Chaisteil Castlebay (Barra)
CYA Colbhasa Colonsay
CUL Cidhe Chumaraidh Cumbrae Slip
DGS Doolish (Eilean Mhanainn) Douglas (Isle of Man)
DUO Dùn Obhainn Dunoon
EIG Eige Eigg
GUS Geàrnsaidh Guernsey
JSY Deàrsaidh Jersey
KCG Cille a’ Chreagain Kilcreggan
KYK Caol Àcainn Kyleakin (Skye)
LCB Loch Baghasdail Lochboisdale (South Uist)
LCH Loch nam Madadh Lochmaddy (North Uist)
LSM Lìos Mòr Lismore
PEE Port Rìgh Portree (Skye)
RHU Rùm Rhum
RTY Baile Bhòid Rothesay (Bute)
SCB Sgrabstal Scrabster
SOS Stromness Stromness (Orkney)
SOY Steòrnabhagh Stornoway (Lewis)
SRE Cala na Sròin Reamhair Stranraer Harbour
TBT An Tairbeart Tarbert (Harris)
TEE Tioradh Tiree
UIG Ùige Uig (Skye)
ULP Ullapul Ullapool
? Kirkwall Kirkwall
? Lerwick Lerwick
BDK

BDK

Bailtean nach eil air an lìonra rèile tuilleadh:

Còd Àite (Gàidhlig) Àite (Beurla)
ABO Abèidh Aboyne
BAE Bràigh Mhàrr Braemar
BLR Bealadair Ballater
CBU Calasraid Callander
EAS Earlston Earlston
EBS Stèisean Bus Dhùn Èideann Edinburgh Bus Station
GAL Gala Galashiels
GGM Inbhir Ghrainnse Grangemouth
GGT Port-adhair Ghlaschu Glasgow Airport
HWK Hàmhaig Hawick
KES Cealsaidh Kelso
LHL Langholm Langholm
MLS Maolros Melrose
PBS Na Puballan Peebles
SAO Cill Rìmhinn St Andrews
SKK Selkirk Selkirk
? Baile nam Frisealach Fraserburgh
? Beannchar Banchory
? Blàr Ghobhraidh Blairgowrie
? Braehead / XScape Braehead / XScape
? Ceann Phàdraig Peterhead
? An Ceathramh Mòr Kirriemuir
? Craoibh Crieff
? Dòrnach Dornoch
? An Dùn Doune
? Farfar Forfar
? Fo-thalamh Ghlaschu Glasgow Subway
? Inbhir Lòsaidh Lossiemouth
? Port-adhair Dhùn Èideann Edinburgh Airport

(Airson adhbhar air choireigin, chan eil còd ann airson a h-uile rud far a bheil tiocaidean rèile/bus rim faighinn.)

CUL

CUL

Èirinn a Tuath

Còd Àite (Gàidhlig) Àite (Beurla)
ANM Aontroim Antrim
BFA Port Bheál Feirste Belfast Port
BFC Beál Feirste Lárnach Belfast Central
BMA An Baile Meánach Ballymena
BYI Béal Feirste Yorkgate Belfast Yorkgate
CEI Cúil Raithin Coleraine
LBN Lios na gCearrbhach Lisburn
LDR Doire Derry
LRH Calafort Latharna Larne Harbour
LRN Latharna Larne
NWY An tIúr Newry
PTN Port an Dúnáin Portadown
LRH

LRH

(Chan eil còd ann airson a h-uile stèisean ann an Èirinn a Tuath, a’ gabhail a-steach cuid de na stèisean as cudromaiche mar stèisean Mór-Shráid Victoria ann am Beul Feirste agus Beannchar).

Seo an làrach as fheàrr airson còdaichean CRS:

http://trains.barrycarlyon.co.uk/data/locations/

Agus tha iad cuideachd rim faighinn aig http://deaves47.zxq.net/CRS/CRS0.htm agus http://www.coris.org.uk/jdc/Rail/station_codes.tlc.html.

Tha an fheadhainn airson fo-thalamh Lunnainn rim faighinn cuideachd air làrach-lìn Transport for London.

PTN

PTN

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s