Fhuair mi post-d bho chionn beagan mhìosan bho fhear Keith Anderson an Dùn Èideann a bha a’ sgrìobhadh leabhar mu Shubway Ghlaschu. Chunnaic e dealbh no dha a thog mi den t-subway air Flickr agus dh’fhaighinich mi am biodh e ceart gu leòr nan cleachdadh e cuid airson leabhran a bha e a’ sgrìobhadh.
Thuirt mi gum biodh sin glan agus dhìochuimnich mi mu dheidhinn gu tur gus an d’fhuair mi pasgan tro phost Diluain le leabhar sgoinneil ùr mu rèile fo-thalamh Ghlaschu na chois.
Chan e leabhran a th’ ann idir ach leabhar loma làn fiosrachaidh is dhealbhan (beagan bhuam fhein!). Mholainn gu mòr e.
Alasdair