Fiche blian ag fás x2 – Steòrnabhagh na Grèine agus Dia nan Trèanaichean #gàidhlig

Tha co-latha-breith rudeigin sònraichte agam an-diugh. Ruig mi an dà fhichead air 27 Gearran agus bha mi ag iarraidh rudeigin a dhèanamh gus a chomharrachadh. Mar sin, nuair a fhuair mi a-mach gun robh agam ri dhol gu coinneamh ann an Àrd Ruigh de la Mer/Steòrnabhagh na Grèine air an 26mh, chuir mi romham a dhol ann air an trèana an àite air a’ phleana.

20140227-021126.jpg

Tha tiocaidean ann a tha a’ gabhail a-staigh trèana, bus is bàta gu Steòrnabhagh na Grèine. Cha do chosg e ach £55 à Glaschu is mar sin, tha e nas saoire na bhith a’ ceannachd tiocaidean fa leth airson gach dòigh-siubhail.

Bidh mi a’ dol gu Steòrnabhagh trì no ceithir tursan sa bhliadhna airson coinneamhan agus mar as trice, bidh mi a’ dol ann air a’ phleana bho Ghlaschu sa mhadainn agus a’ tilleadh air an aon latha. Tha e a’ faireachdainn gu math fuadan a bhith a’ siubhail cho fada airson leth latha is gun a bhith a’ faicinn cus air an t-slighe. An turas seo bha mi airson a h-uile rud fhaicinn.

Thòisich cuisean le cofaidh ann an Costa ann an Sraid na Banrighinn far an do chleachd mi an wi-fi ùr san stèisean airson a’ chiad uair. Air an t-slighe, bha mi a’ trang a’ leughadh pàipearan airson na coinneimh ach chunnaic mi rud no dhà a bha gu math inntinneach.

Tha soidhnichean dà-chànanach air a dhol an àird ann an stèiseanan Shruighlea is Pheairt mar eisimpleir agus tha obair sgeadachaidh air tòiseachadh aig Gleann Eagas gus stèisean ùr spaideil a thogail a bhios na ionad-bhusaichean cuideachd. Agus tha e coltach gu bheilear a’ togail taobh-loidhne dhan fhactaraidh uisge aig Highland Springs ann am Blackford.

Air an t-slighe gu Peairt faisg air ceann-rèile Bhaile a’ Chnuic, bha an abhainn Èireann a’ cur thàiris agus bha tuiltean do-chreidsinneach ann agus lochan mòra far am bi achaidhean mar as àbhaist.

Tha wi-fi ri fhaighinn air trèanaichean gu Inbhir Nis agus chuir e iongnadh mòr orm gun robh deagh shiognail againn ann an Drum Uachdair -siognal tòrr nas fheàrr na gheibhear air loidhne Glaschu-Dùn Eideann!

20140227-021729.jpg

Tha tòrr deasbad air a bhith ann mu dhùbhlachadh rathad an A9 ach b’ fheàrr leum fhèin dùblachadh prìomh loidhne na Gàidhealtachd fhaicinn bho Pheairt gu Inbhir Nis. Tha an loidhne mar a tha i fada ro shlaodach le cus earrannan singilte ann. Tha e a’ toirt tòrr nas fhaide na bu chòir.

Nis, ‘s e slighe gu math fada a th’ ann bhon Dùn Bhreac gu Steòrnabhagh na Grèine. Dh’fhàg mi an taigh ann an Glaschu aig 9.10m airson turas a mhaireadh gu mu 9.15f. Mar sin, thug mi leum stuth leughaidh gu leòr son mo chumail a’ dol, na mheasg am Bìoball Gàidhlig.

20140227-021929.jpg

Chan eil mi nam Chrìosdaidh is chan eil creideamh no taobh spioradail sam bith agam ach tha e a’ còrdadh rium a bhith ag ionnsachadh mu chreideamhan agus a’ leughadh na Gàidhlig sgoinneil sa Bhìoball.

An Soisgeul a rèir Alasdair:

1. Feuch! Gu deimhinn, deimhinn, bho seo a-mach, ar leum gun labhair mi le abairtean is faclan às a’ Bhìoball a-chum mòr-thlachd nan leughadairean. Mar seo deir an Tighearna!

2. Air dhomh Inbhir Nis a ruigsinn, dh’imich mi a dh’ionnsaigh stèisean nam bus agus thàrladh gun robh na soidhnichean aona chànanach. Air dhomh tweet a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd, (“tha stèisean nam bus agaibh neòghlan, glanaibh e le Gàidhlig), ghlac mi am bus gu Ullapul oir is ann a-chum na crìche sin a thàinig mi a-mach.

20140227-022053.jpg

‘S e deagh latha earraich a bh’ ann is tòrr sheallaidhean matha rim faicinn. Cha tug e ach uair is fichead mionaid gu Ullapul agus chòrd an turas rium glan.

20140227-022215.jpg

Air a’ bhàta, ge-tà, thòisich cuisean a dhol ceàrr. Cha b’ e an aiseag àbhaisteach a bh’ann ach bàta na bu lugha nach robh idir cho goireasach. Cha robh branndaidh sam bith ann.

Mar sin, fhuair mi gin agus bha mi air mo dhòigh ghlan gus an do ghabh mi balgam dheth. SLIMLINE tonic! mo chreach sa thàinig…

Feumaidh mi deoch cheart fhaighinn ann an Àrd Ruigh de la Mer!

Alasdair

Air m’ iPod: led Zeppelin – Physical graffiti (diosg 1) – 10/10, Led Zeppelin I – 9/10, Canned Heat -Boogie with Canned Heat -7/10.

An t-slighe agam: DUM-GLC (380 105), GLQ-INV (170 403), INV-ULP (bus), ULP-SOY (bàta – Eilean Arainn).

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Fiche blian ag fás x2 – Steòrnabhagh na Grèine agus Dia nan Trèanaichean #gàidhlig

  1. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

    'S toil

  2. Go raimh míle maith agat an Tuairisceoir!

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s