Uilebheist Loch Nis, urban myths agus an Jura Liberation Front #gàidhlig

Sa bhloga mu dheireadh agam, bha mi a-mach air a’ chiad turas agam gu Steòrnabhagh na Grèine le tiocaid trèana/bus/bàta. An àite a bhith a’ dol air a’ phlèana, dh’ fhuirich mi air uachdar na talmhainn.

Bha an turas bàta gu math inntinneach. Cha robh an aiseag àbhaisteach Eilean Leòdhais a’ ruith agus ‘s e bàta nas lugha is nas slaodaiche, Eilean Arainn, a bh’ air an t-slighe na àite.

A rèir coltais, chaidh am bàta a chur air bhog le muinntir Take the High Road. Dè cho tacky sa tha sin!

Bha e soilleir gum bi Eilean Arainn a’ dol air diofar slighean oir bha sanasan ann mar “thig gu Taigh-òsta X ann an Ceann Loch Chille Chiarain” ri taobh “Taigh-òsta Y, Ìle”, làimh ri “self-catering Z, Arainn”.

Agus a rèir coltais, tha an Jura Liberation Front ag adhbharachadh dhuilgheadasan do ChalMac a-rithist: faic am postair seo.

Abair gu bheil Bràthair Mòr a’ coimhead ort. Chanainn gu bheil barrachd cunnart ann bho Uilebheist Loch Nis na bho cheannaircich.

ceannarcaich

Air an t-slighe, bha cùisean cànain gu mòr air m’ aire. Sa chiad dol a-mach, bha mi a’ gabhail iongnadh carson a bhios Radio nan Gàidheal daonnan a’ cleachdadh ainmean Beurla nan aiseagan ged a tha na h-ainmean Gàidhlig orra a-nis cuideachd. Annasach!

San dàrna àite, bha dithis ann à Leòdhas ann a bha a’ feitheimh ris a’ bhàta aig ionad-Aithisg Ullapuil aig an aon àm sa bha mi fhèin. Bha iad a’ suidhe aig taobh eile an t-seòmair agus ged a b’ urrainn dhomh cluinntinn gun robh iad a’ bruidhinn cha b’ urrainn dhomh obrachadh a-mach dè an cànan a bha iad a’ bruidhinn – Gàidhlig no Beurla.

Aig a’ cheann thall, dh’obraich mi a-mach gur e a’ Ghàidhlig a bh’ aca. Agus an uair sin, bhuail smaoin nas motha buileach orm. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi air seann urban myth mu mhion-chànanan fhuasgladh mu dheireadh thall.

Chuala sinn uile an sgeulachd seo: thèid neach-turais Gallda/Sasannach dhan Ghàidhealtachd/dhan Chuimrigh air làithean saora is thèid e/i a-staigh gu taigh-òsta. Tha a h-uile duine a’ bruidhinn sa Bheurla ach cho luath sa mhothaicheas muinntir an àite gu bheil coigreach ann, tionndaidh iad uile dhan Ghàidhlig/Cuimris.

Tha e follaiseach nach eil an sgeulachd seo fìor. Carson idir a bhiodh daoine a’ teagasg cànan dhan cuid cloinne dìreach gus am b’ urrainn dhaibh a chleachdadh gus bruidhinn mu dheidhinn luchd-turais san taigh-òsta bho àm gu àm? Agus am biodh a h-uile duine gu mòr airson bruidhinn mu dheidhinn luchd-turais co-dhiù? Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e caran mòr-chùiseach a bhith a’ smaoineachadh “tha mi cho cudromach – feumaidh gu bheil a h-uile duine a’ bruidhinn mu mo dheidhinn fad an t-siubhail!”

Ach ged nach eil fireann sam bith san t-seòrsa sgeulachd seo, tha e gu math cumanta agus chuala mi fhèin i iomadh turas.  Agus tha mi a’ smaoineachadh a-nis gu bheil fios agam cò às a thàinig am beachd – a bharrachd air dìreach mì-run mòr nan Gall àbhaisteach!

Nuair a tha daoine ann a bhruidhneas cànan seach Beurla mar an ciad chànan, gu tric tha blas gu math làidir air an cuid Beurla. Tha seo fìor a thaobh Leòdhasaich is daoine a taobh tuath na Cuimrigh mar eisimpleir le ruitheam is fuaimean bhon Ghàidhlig/Cuimris a’ tighinn troimhe. Gu tric, ma tha thu ann an seòmar mòr trang le tòrr dhaoine aig a bheil Cuimris no Gàidhlig bho thùs tha e doirbh obrachadh a-mach de an cànan a tha daoine a tha pìos air falbh bhuat a’ bruidhinn. Iomadh turas, bha mi ann an suidheachadh far an robh tòrr luchd-labhairt na Gaeilge/Cuimris ann còmhla mar eisimpleir agus thug e dhomh beagan diogan obrachadh a-mach an e Gaeilge/Cuimris no Beurla a bha iad a’ bruidhinn mar thoradh air an dòigh labhairt aca.

Mar sin, seo na thachair: thèid an neach-turais a-staigh dhan taigh-òsta. Tha na daoine a’ bruidhinn sa Chuimris. Tha an neach-turais a’ smaoineachadh gur e a’ Bheurla a th’ aca. Tha e a’ toirt greiseag bheag dha/dhì obrachadh a-mach gur e Cuimris a th’ aca an dha-rìribh agus mar sin, tha iad a’ smaoineachadh gun do dh’atharraich iad an cànan san robh iad a’ bruidhinn.

Saoil a bheil mi ceart?

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

5 freagairtean ri Uilebheist Loch Nis, urban myths agus an Jura Liberation Front #gàidhlig

  1. Thuirt Wilson McLeod:

    Mìneachadh reusanta chanainn.

    Chuala mi ‘naidheachd’ den t-seòrsa mu bhùth anns a’ Chuimrigh dìreach bho chionn ghoirid – bho Ghàidheal às na h-Eileanan le deagh deagh Ghàidhlig!

    'S toil

    • Taing a Wilson. Nan robh beachd aig a’ Chuimreach gur dòcha gun robh Gàidhlig aig an duine a thàinig a-steach, is dòcha gun robh nàire air/oirre gun deach a g(h)lacadh is e/i a’ bruidhinn sa Bheurla! (Tha fhios agam gum bi daoine le Gàidhlig a’ tionndadh bho Bheurla gu Gàidhlig uaireannan nuair a chì iad mise a’ tighinn a chionn ‘s gu iad a’ smaioneachadh gu bheil mi cho Stalineach a thaobh na cànain!)

      'S toil

  2. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

    'S toil

  3. Tapadh leat son an ath-bhlogadh an Tuairisceoir!

    'S toil

  4. Thuirt Niall Beag:

    Chuala mi iomadh comhraidh sna bùitean sna taighean-seinnse na ruith mar seo:

    … “Really? I had absolutely no idea!” ars’ esan. Uill co-dhiubh, bha làn fhios aige, gun teagamh sam bith, so thuirt mise….

    ‘S tric a bhios mi a’ toirt an leithid de eisimpleir do neach-gearainn, ach tha iad fhathast cho cinnteach gu bheil rudeigin gu math sinister behind it. They just can’t picture ciamar a dh’obaicheadh code-switching…..

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s