Tha mi air a bhith air tòrr bhusaichean bho chionn goirid. Tha obair pàirt-ùine ùr agam ann an Newington an Dùn Èideann agus bidh mi san oifis trì làithean san t-seachdain.
Bidh mi a’ dol ann air a’ bhus eadar na Drochaidean agus Newington: turas goirid luath le Lothian Buses. Tha seo air toirt orm smaoineachadh mu bhusaichean san fharsaingeachd is cho eadar dhealaichte sa tha iad ann an diofar bhailtean. Ann an dòigh, tha diofar dualchas aig busaichean ann an diofar sgìrean.
Nuair a bha mi a’ fàs suas ann an Glaschu, mar eisimpleir, ged a bha clag ann gus iarraidh air an dràibhear stad, cha bhiodh duine sam bith ga chleachdadh uair sam bith. Nam putadh duine am putan ud, bhiodh daoine a’ coimhead orra mar gun robh iad craicte is cunnartach – gu tùr as an rian! An Glaschu, bhiodh tu dìreach a’ coiseachd dhan doras. An Dùn Èideann, ge-tà, mura putadh tu an clag, cha statadh am bus!

Bus corpy à Glaschu
Ann an cuid a dh’àiteachan cuideachd, bheir a h-uile duine taing dhan dràibhear aig deireadh an turais. Ach ann am bailtean eile, ma chanas tu ‘tapadh leat’ ris an dràibhear, bidh a h-uile duine a’ smaoineachadh gu bheil thu neònach agus gur dòcha gu bheil sùil agad san dràibhear!
Agus dè nì thu ma tha thu a’ feitheimh aig stad bus agus a chì thu am bus a’ tighinn? Ann an Glaschu, cuiridh tu do làmh a-mach ach chan ann mar sin a tha e sa h-uile àite. Bha caraid agam san oilthigh ann an Glaschu a bha às an Eaglais Bhric. A rèir coltais, bhiodh gach bus san Eaglais Bhric a’ stad aig gach stad nan robh duine sam bith a’ fuireach ann. Nuair a chaidh e a dh’fhuireach ann an Glaschu, chuir e iongnadh mòr air gum biodh na busaichean a’ seòladh seachad air….
Tha ceist an airgid ann cuideachd. Bheir cuid a chompanaidhean briseadh (change) dhut ach airson cuid eile, ’s e am faradh ceart a dh’fheumas a bhith agad.
Gu tric, tha an luchd-siubhail eadar-dhealaichte ann an diofar bhailtean. Ann an Dùn Èideann mar eisimpleir, bidh daoine den a h-uile seòrsa a’ cleachdadh a’ bhus. Bidh seo a’ tachairt ann am bailtean mòra aig nach eil cus rathaidean-iarainn ann agus/no far a bheil e doirbh siubhal gu meadhan a’ bhaile ann an càr.

Routemaster ann an Easterhouse. Bhithinn a’ dol dhan sgoil ann an Schd Lannraig air busaichean mar seo air ais sna 80an.
Le Glaschu is iomadh àite eile far a bheil siostam rèile math ann ge-tà, canaidh daoine gur ann “airson daoine a tha ro òg airson dràibheadh no ro bhochd càr a bhith aca” a tha na busaichean. Ged nach eil sin cothromach, tha tomhas den fhìrinn ann gun teagamh.
Tha busaichean ann an àiteachan mar Lunnainn, Dùn Èideann agus Èirinn a Tuath fìor mhath agus chleachdainn iad an àite a bhith a’ dol anns a’ chàr. Ann an Glaschu, ge-tà, chan eil iad idir cho math agus cha rachainn air bus uair sam bith ach mur a robh roghainn agam (agus leis an t-siostam rèile againn an Glaschu, chan eil mi feumach air busaichean co-dhiù). Nis, chan eil mi ag iarraidh a bhith ro phoilitigeach sa bhloga seo ach tha na trì siostaman matha a dh’ainmich mi gu h-àrd leis a’ phobal (D.È, Èirinn a Tuath) no air an riaghladh leis a’ phobal (regulated – Lunnainn). Tha mi cinnteach gum biodh cuisean na b’ fheàrr ann an Glaschu nan robh na busaichean Corpy fhathast againn.

Corpy Atlanteans (“Corpy” = Glasgow Corporation/Greater Glasgow PTE/Strathclyde PTE)
A bharrachd air na h-eadar-dhealachaidhean, ge-tà, tha rudan sa chumantas mu sheirbheisean bus nach eil mi a’ tuigsinn. Mar eisimpleir, gu tric, chì thu bus le “part route” sgrìobhte air a’ chlàr-fiosrachaidh. ‘S e a’ cheist a bhios daonnan agam – dè a’ phàirt den t-slighe?! Eil e a’ tòiseachadh às dèidh an toisich àbhaistich no a bheil e a’ crìochnachadh ron deireadh àbhaisteach? Ma tha mi a’ dol a dhol air bus, bu toil leam fios a bhith agam air far a bheil mi a’ dol, tapadh leat!
“OK a charaid, seo deireadh na slighe”
“Ach seo Ruchazie agus tha e 23:30. Nach eil sibh a’ dol nas fhaide? Thèid mo cheann a bhreabadh a-steach.”
“Nach do mhothaich thu gur e part-route a th’ ann a mhate?”
Tha an aon rud fìor a thaobh busaichean limited stop far a bheil e uaireannan doirbh faighinn a-mach far am faod thu tighinn air bòrd is falbh. Le cuid a sheirbheisean cuideachd, tha am fiosrachadh air a’ chlàr-fiosrachaidh sgrìobhte ann an dòigh far a bheil e doirbh obrachadh a-mach dè an taobh sa bheil am bus a’ dol – ’s e sin ri ràdh a bheil e a’ tighinn no a’ falbh? Aon turas, mar eisimpleir bha sinn ann an Lunnainn agus glac mi bus le “Victoria” sgrìobhte air a’ chlàr ach ’s ann a fhuair mi a-mach às dèidh greiseag gun robh e air tighinn à Victoria an àite a bhith a’ dol ann. Leum sinn far a’ bhus a-rithist agus a-steach dhan tiùb a tha tòrr nas fhasa a thuigsinn!
Tha rudan a’ fàs nas fheàrr mean air mhean, ge-tà. Sna làithean seo, tha deagh aplacaidean (apps) agus làraichean-lìn matha aig tòrr de na companaidhean bus agus tha e nas fhasa am fiosrachadh a tha a dhìth ort fhaighinn. Tha na companaidhean agus dualchas/etiquette nam bus a’ fàs nas coltaiche ri chèile air feadh na dùthcha agus mar sin air adhart.
Ach dh’fhaodadh rudan a bhith na b’fheàrr fhathast. Seo an “liosta-miann” a th’ agam airson seirbheisean bus nas fheàrr:
– Cairt-tapadh coltach ris an Oyster ann an Lunnainn
– Na busaichean Corpy a thoirt air ais ann an Glaschu
– Busaichean-tràilidh a thoirt air ais ann an Glaschu – agus ann am bailtean ùra cuideachd. Busaichean dealanach uaine, sàmhach luath. Tha iad a’ tighinn air ais ann an Leeds a dh’aithghearr agus tha mi an dòchas gun lean bailtean na h-Alba an eisimpleir.

Busaichean-tràilidh (trolleybuses) – luath samhach uaine agus awesome!
Alasdair
Bha seo uabhasach inntinneach! Tha thu ceart, tha cultar nam busaichean gu tùr eadar-dhealaichte ann an diofar àiteachan, gu h-àraidh ma nì thu coimeas eadar-nàiseanta. An seo sa Ghearmailt, cha chan duine sam bi “hello” no “tìoraidh” dhan draibhear, anns na bailtean mòra is bailtean meadhanach co-dhiù, chan eil mi cinnteach ciamar a tha e air an dùthaich far a bheil a h-uile duine eòlach air a chèile.
Cha chuir thu do làmh a-mach an seo idir, bidh na busaichean a’ stad aig gach stad. Ach leughaidh tu seo gu tric ann an leabhraichean siubhal, gur àbhaist do na daoine anns a’ Bhreatainn làmh a chur a-mach no thèid am bus seachad. Cha chreid mi nach eil an rud seo ri leughadh anns gach leabhar-sgoile Beurla cuideachd.
Agus tha mi cinnteach gum bi a h-uile Germailteach ag aontachadh gu bheil clàran-àma is fiosrachadh eile mu sheirbhisean bus is trèana doirbh ri leughadh anns a’ Bhreatainn. Tha na rudan sin fada nas soilleire an seo. Ach air an làimh eile, tha na h-innealan ticead no siostam nan ticeadan gu lèir anns na bailtean mòra an seo gu math complicated. Bidh tòrr zones agus seòrsaichean ticeadan eadar-dhealaichte ann.
Ach feumaidh mi ràdh gu bheil mi an còmhnaidh farmadach gu bheil busaichean le dà làr ann sa Bhreatainn. Chan eil iadsan ann an seo idir. Tha trèanaichean le dà làr ann ceart gu leòr.
'S toil'S toil
Taing a Mhona. Tha mi toilichte gun do chòrd e riut. Tha thu ceart mu na clàr-ama an seo. Tha iad gu math gu math toinnte. Tha mi air a bhith a’ feuchainn ri turas bho Glaschu-Caol Loch Aillse (trèana), Caol Loch Aillse-Uige (bus), Uige-an Tairbeart (bàta) a chur air dòigh agus tha na clàran-ama gam chur a-mach às mo rian! Tòrr ‘Saturdays only’, “Tue-Thursdays during school term only” agus a leithid!
Aidh, is toil leam na double deckers. Bha na tramaichean agus busaichean-tràilidh anns an RA is Èireann nan double-deckers cuideachd. Sgoinneil!
'S toil'S toil