Tha mi a’ dèanamh air Innse Gall aon uair eile agus a-rithist, tha mi a’ seachnadh a’ phlèana.
Tha a’ chiad choinneamh agam gu bhith ann an Àrd Ruigh de la Mer/Steòrnabhagh na Grèine.
Chaidh mi gu Leòdhas taobh Ullapuil na bu thràithe am-bliadhna agus chòrd an turas rium glan. Thòisich an latha le turas bho Ghlaschu gu Inbhir Nis air an trèana agus an uair sin air adhart gu Ullapul air a’ bhus agus air a’ bhàta gu Stèornabhagh na Grèine. Fhuair mi tiocaid “rail and sail” airson na slighe air fad air prìs gu math reusanta.
Ullapul
An turas seo, bha mi ag iarraidh a dhol ann ann an dòigh eile oir, mar a chanas iad, tha iomadh dòigh air cù a mharbhadh.*
Mar sin, an triob seo, tha mi a’ dol ann taobh an Eilein Sgitheanaich: Glaschu-Inbhir Nis-Caol Loch Aillse air an trėana, bus bhon Chaol gu Ùige agus an uair sin bàta dhan Tairbeart. Cha chosg seo uile ach mu £30. Bidh mi a’ fuireach anns na Hearadh fad oidhche agus an uair sin a’ dèanamh air Steòrnabhagh na Grèine air a’ bhus.
Seachdain no dhà às dèidh sin, bidh mi a’ dol gu Bàgh a’ Chaisteil. Cha robh mi riamh ann am Barraigh agus tha mi a’ coimhead air adhart ris gu mòr. Turas air loidhne sgoinneil na Gàidhealtachd an Iar dhan Òban air a leantainn le turas 5 uairean a thìde air a bhàta. A-rithist, tha an turas gu math saor le tiocaidean “rail and sail” rim faighinn air £37. Deagh bhargan!

Tiocaid gu Bàgh a’ Chaisteil
Turas 1: DUM-GLC-INV-KYL, KYL-UIG (bus), UIG-TBT (bàta)
Turas 2: DUM-GLC-OBN, OBN-CTB (bàta)
Alasdair
*Cha deach cù sam bith a ghoirteachadh ann an sgrìobhadh a’ bhlog seo.