Tramaichean an Tighearna an Dùn Èideann! #gàidhlig

Chaidh mi fhèin is mo dheagh charaid Wilson MacLeòid a-mach airson deochag a-raoir: deochag rud beag eadar-dhealaichte bhon àbhaist. Tha na tramaichean ùra an Dùn Èideann fo dheuchainn an-dràsta agus bha sinn airson a dhol gu pinnt ann an àite far am b’urrainn dhuinn beagan spotadh-thramaichean a dhèanamh.

An fhèineag a bu mhiosa a chaidh a thogail riamh!

Às dèidh beagan rannsachaidh, thagh sinn Tiles air Cearnag Naomh Anndrais far a bheil deagh shealladh ri fhaighinn de na tramaichean.

Tiles: Deagh shealladh den t-slighe-trama

Bha cairteal na h-uaireach ann mus do nochd a’ chiad trama ach thachair mìorbhail fhad’s a bha sinn a’ feitheimh – lorg Wilson criosp air an robh coltas Iosa!

Criospa le coltas Iosa!

Feumaidh gun robh sin na dheagh chomharra oir mionaid no dhà as dèidh sin, chunnaic sinn a’ chiad trama den oidhche. Bha e gu sònraichte math a bhith a’ suidhe an sin a’ coimhead air na tramaichean a’ dol seachad agus ag òl pinnt aig an aon àm.

Trama Dhùn Èideann aig Sràid a' Phrionnsa/Cearnag Naomh Anndrais

Trama Dhùn Èideann aig Sràid a’ Phrionnsa/Cearnag Naomh Anndrais

Tha deagh choltas air na tramaichean ùra – spaideil, snasail agus luath agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri tòiseach nan seirbheisean poblach air an ath-mhìos.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an tramaichean agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s