Treain gach blian agus bus i nÉireann! #gàidhlig

Bha sinn a’ beachdachadh na bu thràithe air a’ bhliadhna air saor-làithean. “Dè mu dheidhinn Èirinn” thuirt mi. “Bhiodh sinn math – cho fhad’s nach eil thu dìreach a’ dol ann airson na Gaeilge” thuirt Jenny is làn fios aice cò a ris a tha mi coltach le mion-chànainean. Bha I a’ smaoineachadh gum bithinn a’ dol dhan Chultarlann, Oideas Gaeil 7c 7c

“O chan ann airson na cànain a bha mi airson a dhol ann idir!”, thuirt mi gu h-onarach – “cha do smaoinich mi fiù’s mun leithid” oir cha b’ e sin a bha fa-near dhomh idir.

DMU Clas 3000 ann am Port an Dúnain

DMU Clas 3000 ann am Port an Dúnain

‘S ann a chuir Jenny bhochd a cheist cheàrr orm. ‘S e a’ cheist a bu chòir dhith a bhith air faighneachd: “a bheil thu dìreach a’ dol ann airson trèanaichean fhaicinn”.

Tha tòrr trèanaichean inntinneach rim faicinn an Èirinn. Bidh sinn a’ dol gu Èirinn a Tuath – beagan làithean am Béal Feirste agus an uair sin seachdain ann am Port Rois.
Tha siostam rèile Èireann a Tuath – NIR – Northern Ireland Railways fìor mhath.  A thaobh rathaidean-iarainn glèidhte, tha am Bushmills and Giant’s Causeway Railway agus Dún Pádraig.

Tha taigh-tasgaidh ann an Doire cuideachd agus rathad-iarainn glèidhte ann an Gaeltacht Thír Chonaill.

Agus na dìochuimhnich mu na meanbh-rathaidean-iarainn: tha fear ann am Beannachar agus fear eile ann an Latharna.

 

 

Lìonra Èireann a Tuath

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s