Why take two bottles into the shower? Ath-thilleadh a’ Fife Coast Express #gàidhlig #starlink

Tha mi air a bhith a’ smaoineachadh mu loidhne costa Fhìobh gu tric bho chionn goirid. B’ e seo an loidhne a bha a’ fàgail Prìomh-loidhne a’ Chosta an Ear aig an Luachair (Leuchars) beagan a deas air Dùn Dè, agus a’ dol tro Chill Rìmhinn is bailtean beaga an ‘East Neuk’ (Cair Ail, Ànsruthair, Baile na h-Uaimhe 7c). Bha i an uair sin a’ dol tro bhaile mòr Inbhir Lìobhann agus ag ath-cheangal ris a’ phrìomh-loidhne aig Ceann-rèile Thornton beagan a tuath air Cair Chaladain.

Loidhne Costa an Iar Fhìobha (prìomh stèiseanan a-mhàin)

Chaidh Cill Rìmhinn – Inbhir Lìobhann a dhùnadh mar thoradh air Beeching ann an 1965 ach bha an dà cheann den loidhne (An Luachair – Cill Rìmhinn, Ceann-rèile Thornton – Inbhir Lìobhann) fosgailte gu 1969. Carson a tha mi air a bhith a’ smaoineachadh air loidhne chosta Fhìobha? Sa chiad dol a-mach, bho chionn seachdain no dhà, chaidh buidheann strì ùr a chur air dòigh gus an rathad-iarainn gu Inbhir Lìobhann ath-fhosgladh cuideachd – LevenMouth Rail Campaign. Tha iomairt ann mar-thà gus an rathad-iarainn gu Cill Rìmhinn ath-fhosgladh – Starlink.

Ach a bharrachd air seo, bha mi ann an Cill Rìmhinn aig deireadh na seachdain. Fhuair sinn cuireadh a dhol gu banais aig mo chàirdean Mìcheal ‘Akerbeltz’ Bauer agus Rob Wherret ann an Cill Rìmhinn. An àite a bhith a’ dol air trèana gu Cair Ail (Crail) far an robh sinn a’ fuireach agus an uair sin air adhart gu Cill Rìmhinn air an trèana, cha robh roghainn sam bith againn ach càr no bus – ged a b’ àbhaist dhan rathad-iarainn a bhith a’ dol seachad air an taigh againn!

Cair Ail – Bha an rathad-iarainn ri taobh nam polaichean dealain

Chaidh Jenny, Ciorstaidh is Eubha gu Cair Ail anns a’ chàr, ach bha mi ag obair air an latha sin is mar sin, chaidh mi air an trèana eadar Dùn Èideann agus an Luachair (LEU) agus an uair sin air a’ bhus gu Cill Rìmhinn (SAO). Tha tiocaidean railbus rim faighinn airson na slighe seo a tha nas fhasa is nas saoire na bhith a’ ceannach dà thiocaid (“why take two bottles into the shower…”)

An Luachair (LEU)

An Luachair (LEU)

Ghlac mi am bus anns an Luachair agus ged a bha an turas luath is am bus goireasach, chan eil seirbheis bus idir math gu leòr airson baile cho cudromach airson turasachd, sgoilearachd is goilf (ged a tha gràin a’ bhàis agam air goilf!)

Glè mhath ach bhiodh trèana na b' fheàrr!

Busaichean aig Stèisean an Luachair (LEU)

Ach cha deach mi ann airson gearan mun Mhorair Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is Leac air a Bheul) is mun droch chòmhdhail phoblach idir ach airson banais na bliadhna agus abair gun robh i math le deagh chuideachd, deagh bhiadh, agus deagh shìde. Bha fìor dheagh latha aig a h-uile duine.

Mìcheal is Rob

Na gaisgich!

Mealaibh ur naidheachd a Mhìcheil is a Rob! Alasdair   An turas: EDB-LEU, LEU-SAO (Bus). Railmiles: 50m 51ch. Air m’i-Pod: Status Quo beò an O2 Ghlaschu 2013. 9/10.

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn dùinte agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Why take two bottles into the shower? Ath-thilleadh a’ Fife Coast Express #gàidhlig #starlink

  1. Pingback: Caledonian Railway Breichinn – Turas gu Cathair-bhaile nam Burgairean! #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s