It’s Vid-é-o! Kenny G a’ dol gu Yooig le Scotrail! #gàidhlig

Tha tòrr thiocaidean cinn-uidhe (through tickets) aig ScotRail a tha nan deagh bharganan. ‘S e a th’ annta ach tiocaidean a tha a’ gabhail a-steach barrachd air aon dòigh siubhail, mar eisimpleir trèana is bus no trèana is bàta.

GLC-CTB

GLC-CTB

‘S e deagh dhòigh a th’ annta airson a dhol gu na h-eileanan no na puirt-adhair no gu bailtean nach eil air an lìonra rèile tuilleadh.

‘S  e an trioblaid leotha seo nach eil càil a dh’fhios aig ScotRail fhèin mun deidhinn a rèir coltais. Bha mi a-mach air na trioblaidean a bh’ agam nuair a dh’fheuch mi ri tiocaid rèile/bus fhaighinn bho Phort Adhair Ghlaschu mar eisimpleir.

Bha mi a’ smaoineachadh gun robh cùisean air fàs rud beag na b’ fheàrr bhon uair sin. Fhuair mi tiocaid eile bho Phort Adhair Ghlaschu agus cha robh duilgheadas sam bith agam an ath thuras. Fhuair mi tiocaidean gu Steòrnabhagh (trèana/bus/bàta) agus Cill Rìmhinn (trèana/bus) cuideachd is dh’obraich a h-uile rud mar as còir.

Gu mì-fhortanach, chaidh a h-uile càil ceàrr nuair a dh’fheuch mi ri dhol gu Ùige san Eilean Sgitheanach bho chionn goirid. Dh’fhòn mi gu ScotRail telesales.

“Hi, could I have a railbus ticket from Glasgow to Uig via. Kyle of Lochalsh please?”

“Where?”

“Uig, in Skye. It’s where the ferry to Harris leaves from”.

“How do you spell that?”

“U.I.G”

“Oh, you mean Yooig”.

It’s Vid-é-o!

Mise (a’ feuchainn gun a bhith a’ gàireachdainn) “Seadh. Dè a chosgais e?”

Às dèidh greiseag:”chan eil dad a’ tighinn an àird air an t-siostam. Chan urrainn dhomh tiocaid a reic. Feumaidh nach eil an leithid de thiocaid ann”.

“Ach THA na tiocaidean rim faighinn! Tha mi a’ coimhead air làraich-lìn ScotRail an-dràsta”,

“OK, cuiridh mi air hold thu is bruidhnidh mi ri mo mhanaidsear”.

Bha sin uile OK ach an uair sin, thòisich ceòl olc Kenny G agus bha agam ri èisteachd ris fad còig mionaidean.


An uair sin, thàinig am manaidsear. Às dèidh an aon chòmhraidh thuirt e “eil thu cinnteach gur ann air làrach-lìn ScotRail a tha thu a’ coimhead?”

“Is mi a tha.”

“Dè an URL airson an t-seòrsa tiocaid sin ma tha?”

Thug mi dha e agus an uair sin, chaidh mo chuir air hold airson leth uair a thìde le barrachd Kenny G. Bha seo pianail. Chan e a-mhàin gun robh an ceòl sgriosail, ach cha b’ urrainn dhomh ach smaoineachadh air an droch droch mhullet aige fhad ’s a bha mi ag èisteachd ris!

Agus fhad’s a bha mi air a’ fòn, thuirt Ciorstag rium “a Dhadaidh, tha thu air a bhith air a’ fòn airson ùine mhòr. Dè tha thu a’ dèanamh”.

Thug mi am fòn dhi gus an cluinneadh i beagan Kenny G.

“Mummy – you’ve been looking after Eva all this time and daddy has just been sitting here listening to music on the phone for all this time – he’s not actually speaking to anybody at all! He’s so lazy!”

Mu dheireadh, às dèidh dhomh èisteachd ris an aon òran le Kenny G cus thursan, thàinig an duine air ais air a’ fòn agus thuirt e gun robh e air rudan a chur ceart agus gum faighinn mo thiocaid.

Aig a’ cheann thall, fhuair mi mo thiocaid gu Ùige (no Yooiga is dòcha?) air prìs gu math reusanta agus ged a thug e ùine mhòr, bha an luchd-obrach air leth cuideachail is laghach.

Mar sin, ged a tha deagh thiocaidean ioma-mhòdach  (multimodal) ann, is fhiach lethbhreac den fhiosrachadh bho ScotRail a bhith air do bheulaibh nuair a tha thu a’ ceannachd nan tiocaidean agus nuair a tha thu air an turas fhèin.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

4 Responses to It’s Vid-é-o! Kenny G a’ dol gu Yooig le Scotrail! #gàidhlig

  1. Thuirt SocialMediaAlba:

    Bha sin eibhinn, agus bha ma fiosrachadh seo feumail cuideachd. Tapadh leat! A bheil fios agad ma tha na tiocaidean seo ag obair le càirtean-rèile?

    'S toil

    • Tha iad ag obair le cairtean-rèile. Yay! Ach mar a thuirt mi, dh’fheumadh tu an ceannach bho bho ScotRail telesales no bho stèiseanan no air trèana oir chan eil a’ mhòr-chuid aca rim faighinn air-loidhne.

      'S toil

  2. p.s – feumaidh mi pios eile a sgrìobhadh dhan bhloga agam air 1/05 airson an latha twitter Gàidhlig!

    'S toil

  3. Pingback: Càite a bheil Cymdeithas yr Iaith Gymraeg nuair a tha feum agad orra? #gàidhlig #gaelic | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Sgrìobh beachd