Bidh Nodaidh a’ gluasad bho Stèisean Toyland (Ìre Àrd) gu Stèisean Toyland (Ìre Ìosail) a dh’aithghearr.
‘S e a th’anns an Nodaidh ach trèana Chomar nan Allt – sin am far-ainm a th’ aig luchd-obrach ScotRail air. Tha an t-ainm a’ tighinn às an Scots – Cummernaud > naud > Noddy.

Nodaidh!
Thathar a’ dealanachadh (electrifying) loidhne Chomar nan Allt an-dràsta agus bidh na trèanaichean ùra a’ tòiseachadh air a’ mhìos seo fhèin. Mar phàirt den t-seirbheis ùr, bidh an Nodaidh a’ dol gu dachaigh ùr. An àite a bhith a’ dol gu Sràid na Banrighinn (Àrd Ìre/High Level -GLQ), bidh iad a’ dol gu Sràid na Banrighinn (Ìre Ìosail -GQL) taobh meur-loidhne Allt an Fhuarain.

An Nodaidh 1993-2014
Bidh an trèana a’ stad aig barrachd stèiseanan ach cha toir an turas ach dhà no trì mionaidean a bharrachd a chionn’ s gu bheil na trèanaichean dealanach nas luaithe air tòiseachadh is air stad na tha na trèanaichean diesel.

An Nodaidh bhon Chèistean 2014
Saoraidh seo barrachd rùm aig Stèisean Sràid na Banrigh (Àrd Ìre) airson trèanaichean eile agus tha e a’ ciallachadh gum bi an Nodaidh Dealanach a’ cumail a’ dol dhan Dail Mhòr is dhan Bhealach seach a bhith a’ stad ann an Glaschu.
Gu h-annasach, ge-tà, bidh aon trèana san uair fhathast a’ dol air an t-seann slighe dhan Eaglais Bhreac (Baile a’ Ghreamaich) taobh Comar nan Allt oir chan eil an loidhne an ear air Comar nan Allt air a dhealanachadh fhathast.
Mar sin, an ath-thuras a bhios Big Ears is a’ bheag-phòsta Tubbs a’ dèanamh air Stepps, bidh dà roghainn aca!
Alasdair