Chan ann am Bòid uile a tha an t-olc* #gàidhlig

Cha robh sinn a’ feuchainn ri dhol a dh’Eilean Bhòid a’ chiad turas a chaidh sinn ann.

Bha sinn a-mach air cuairt sa chàr uaireannan aig tòiseach nan 1980an a’ dèanamh air an Leargaidh Ghallda agus bha mo mhàthair is m’ antaidh Netta a’ bruidhinn mu Bhaile Bhòid. “Saoil dè chosgadh e a dhol ann?”

EMU Clas 380, Bàgh nan Uaimhean (WMS)

EMU Clas 380, Bàgh nan Uaimhean (WMS)

“Bidh sinn a’ draibheadh seachad air Bàgh nan Uaimhean co-dhiù” arsa mo mhàthair. “Stadaidh sinn ann agus gheibh sinn a-mach dè chosgas e. Is dòcha gun tèid sinn ann uaireannan as t-samhradh”.

Nuair a ràinig sinn port nan aiseag, is mo mhàthair a’ lorg àite pàircidh, thàinig neach-obrach CalMac agus thuirt e “an taobh seo” ann an dòigh ùghdarrasail is lean mo mhàthair e. Mus do mhothaich i na bha tachairt, bha an càr air a’ bhàta is sinn a’ dèanamh air Eilean Bhòid – an aghaidh ar toil!

Sna làithean sin, bhiodh tu a’ pàigheadh air a’ bhàta fhèin. Gu mì-fhortanach, cha robh mòran airgid ann an spòran mo mhàthar air an latha a bha seo. Cha robh seo math oir cha robh chip & pin no fiù ’s innealan ATM ann sna làithean sin agus bha aig mo mhàthair is m’ antaidh ris a h-uile sgillinn aca a chur ri chèile. Bha sinn fiù’s a’ coimhead fo seataichean a’ chàir (MKII Escort, mas math mo chuimhne) feuch an robh sgillinn no dhà ann!

Bha an t-eagal mòr orm oir bha mi sa bun-sgoil aig an àm agus bha mi a’ smaoineachadh gun rachadh ar cur dhan phrìosan no gum biomaid nar sgalagan bìrlinn, a’ seòladh eadar Baile Bhòid is tìr-mòr gu bràth siorraidh tuilleadh!

Aig a cheann thall, ge-tà, lorg sinn airgead gu leòr – dìreach – is chaidh mi fhèin, mo mhàthair, m’ antaidh is mo phiuthar bheag Mairead gu Baile Bhòid far an robh deagh latha againn.

Bha sinn air ais bho chionn goirid agus mus do dh’fhàg mi an taigh, rinn mi cinnteach gun robh airgead gu leòr agam!

MV Eilean Bhòid

MV Eilean Bhòid

Feumar a ràdh nach robh cus airgid a dhìth oirnn co-dhiù oir cha do chosg tiocaid rail & sail aig ScotRail ach £14 airson tiocaid tillidh. Agus an turas seo, cha robh duilgheadas sam bith ann leis an tiocaid oir bha i ri faighinn air-loidhne agus bha luchd-obrach an dà chuid aig Cal Mac is ScotRail eòlach air na tiocaidean seo.

 

Stèisean Bhàgh nan Uaimhean (WMS)

Stèisean Bhàgh nan Uaimhean (WMS)

Às dèidh turas gu Bàgh nan Uaimhean, ghlac sinn am bàta MV Earra-Ghàidheal gu Baile Bhòid. Tha an stèisean Bhictorianach seo mòr is spaideil le mullach glainne, café is bàr is oifis thiocaidean cho math ri oifis is seòmar-feitheimh ChalMac. Tha e sgoinneil stèiseanan mar seo fhaicinn oir nan rachadh a thogail an-diugh, tha mi cinnteach nach biodh ann ach aon Àrd-ùrlar gun mhullach sam bith agus gun togalach ach is dòcha rudeigin coltach ri fasgadh bus.

 

Stèisean Bhàgh nan Uaimhean (WMS)

Stèisean Bhàgh nan Uaimhean (WMS)

Ri leantainn….

An t-slighe – DUM-GLC, GLC-WMS, WMS-RTS (bàta), RTS-Mount Stuart (bus) is air ais.
Mìltean rèile – 33.04, mìltean bàta

Alasdair

*tha cuid dheth sa Chumaradh Bheag làimh ris

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s