An robh fhios agaibh gun robh tramaichean ann an Eilean Bhòid uair?
Nuair a bha saor-làithean “Doon the Watter” air leth mòr is na mìltean mòra de luchd-obrach à Glaschu a’ dèanamh air Baile Bhòid gach samhradh, bha feum air dòigh còmhdhail gus an luchd-turais a thoirt bhon bhaile dhan tràigh.
Air an adhbhar seo, chaidh Rathad-iarainn Aotrom Bhaile Bhòid is Chamas Adraig (Ettrick Bay) a thogail. Chaidh e dhan bhàgh taobh Phort MhicEamailinn (Port Bannatyne). Dh’fhosgail e ann an 1882 le tramaichean-each an tòiseach ach ann an 1902 chaidh ath-fhosgladh le tramaichean dealanach. Dhùin an t-slighe-trama ann an 1936 agus chaidh busaichean a chur na h-àite. Bha an loidhne chaol-ghèidse (3’6”) seo 5 mile a dh’fhaid uile gu lèir.
Trama ann an Cearnag Guildford, Baile Bhòid
Tha leabhran ri fhaighinn bhon Fhiosrachadh Luchd-turais mun loidhne-trama -“Tramway Trail” a sheallas dhut far an robh an loidhne agus a dh’innseas dhut mar a ghabhas an t-slighe a choiseachd.
Cha robh cothrom againn a dhol gu Camas Adraig an turas seo ach bha sinn ann bho chionn ceithir no còig bliadhna agus bha latha sònraichte againn. Chaidh sinn air an rathad cheàrr agus an àite a bhith a’ dol dhan tràigh, chaidh sinn air rathad-tuathanais. Fhad ’s a bha sinn a’ lorg àite airson tionndadh, chunnaic sinn beathach neònach. Bha e tòrr na bu mhotha na cat ach cha robh e coltach ri cù, broc, sionnach no rud sam bith eile a chunnaic mi riamh agus bha earball air mar bhruis-bhotal.
An uair sinn, thòisich e air ruith agus bha ’gait‘ gu math neònach air. An uair sin, fhuair sinn sealladh ceart air agus bha coltas cat fiadhaich air. Chan eil fhios againn le cinnt dè a bh’ ann ach tha sinn a’ smaoineachadh gur e cat fiadhaich a bh’ ann agus rinn Jenny ainmh-eòlas san oilthigh agus tha i math air rudan mar sin. Cuideachd, cha robh seo a’ coiseachd mar chat àbhaisteach agus bha an earball gu tùr eadar-dhealaichte – chan e dìreach cat dachaigheil a bh’ ann ge b’ e dè bh’ ann!
A bharrachd air feadh-beatha inntinneach air an turas sin, bha deagh cheòl ann cuideachd. Chaidh sinn gu Oxfam ann am Baile Bhòid agus lorg mi beagan chlàran southern boogie. Fhuair mi dà chèiseig le Molly Hatchet a bha fìor mhath agus LP le Black Oak Arkansas a bha cho dona is nach gabh a mhìneachadh dìreach cho buileach dona sa tha e! Cha mhòr nach eil e cho dona ris na clàran solo aig Syd Barrett….
An turas seo, cha do lorg sinn seann chlàr-roc sam bith ach bha deagh latha againn ann an taigh agus gàraidhean Mount Stuart. Bha seirbheis bus math ann agus mholainn Eilean Bhòid mar deagh latha a-muigh don teaglach gun càr a thoirt leibh. Bho deireadh a’ Cheitein a-mach cuideachd, tha turas timcheall an eilein ann am bus mullach-fosgailte.
Nis, bidh mi a’ seachnadh poilitigs air a’ bhloga seo mar as trice ach feumaidh mi bruidhinn mu neo-eisimeileachd – seadh, neo-eisimeileachd do Shiorrachd Bhòid.
Ro 1975, bha Eilean Bhòid, Eilean Arainn is Eileanan Chumaraidh (Cumaradh Mòr is Cumaradh Beag) ann an Siorrachd Bhòid – Siorrachd gu tùr eileanach mar Arcaibh, Sealltainn no, san latha an-diugh, Comhairle nan Eilean Siar.
Ann an 1975, ge-tà, chaidh Arainn is Cumaradh a chur a-steach gu Siorrachd Air agus chaidh Eilean Bhòid a dhèanamh na phàirt de Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

MV Eilean Bhòid, Baile Bhòid
Bha seo gu tùr do-chreidsinneach. Tha Arainn is Cumaradh is Bòd cho coltach ri chèile sa ghabhas a thaobh àrainneachd is eaconomaidh is cultar agus air an làimh eile tha e doirbh smaoineachadh air àite sam bith ann an Alba a tha cho eadar-dhealaichte ri Arainn is Siorrachd Air. Caise is cailc!
Ged a bha daoine le Gàidhlig na sgìre fhathast beò, chaidh Arainn a chur dhan Ghalltachd. Cha toil leam a bhith a’ dèanamh sgaradh eadar Gàidhealtachd is Galltachd a thaobh na Gàidhlig oir ’s e cànain nàiseanta a th’ innte ach air an làimh eile, tha sinn beò ann an saoghal sa bheil cuid de na poileasaidhean cànain fhathast a’ toirt barrachd taic is follaiseachd dhan chànain air a’ Ghàidhealtachd na air a’ Ghalltachd.

Chan eil tramaichean ann tuilleadh, ach tha seirbheis bus math ann. Jenny is Ciorstaidh air an t-slighe gu Mount Stuart.
Chaill Arainn tòrr den taic a bhiodh i air faighinn mar phàirt den Ghàidhealtachd agus barrachd is barrachd sna làithean seo, tha “a’ Ghàidhealtachd” dìreach a’ ciallachadh sgìrean Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar a-mhàin, gun luaidh air Garbh-chrìochan Pheairt no Eilean Arainn no na sgìrean Gàidhealach ann an Siorrachd Obar Dheadhain.
San latha an-diugh cuideachd, tha an dà chuid Riaghaltas na h-Alba agus na dùbhlanaich a’ moladh barrachd chumhachdan a thoirt do na comhairlean eileanach. Nan robh Siorrachd Bhòid fhathast na sgìre comhairle, dh’fhaodadh gum faigheadh iad cumhachdan a bharrachd.
Tha mi mo làn thaic ri neo-eisimeileachd do Shiorrachd Bhòid (agus gu dearbh do Shiorrachd Cheann Rois – ach ’s e ceist eadar-dhealaichte a tha sin!) oir nam bheachdsa, tha Eileanan Siorrachd Bhòid “nas fheàrr còmhla”!

Cala Baile Bhòid
Nis, sin poilitigs gu leòr – dèanamaid ùrnaigh a-nis airson “the islands of Great and Little Cumbrae and the adjacent islands of Great Britain and Ireland” mar a bhiodh ministear ainmeil ann am Port a’ Mhuillinn ag ràdh gach Didòmhnaich!
Alasdair