Tha mi ag obair ann an Newington ann an Dùn Èideann trì làithean san t-seachdain an-dràsta. Bidh mi a’ dol ann air a’ bus à Waverley ach gus an tàinig lèirsgrios Beeching (Tuiteam gun Èirigh air is leac air a Bheul), b’ urrainn dhut a dhol ann air an trèana.
Bha Newington air loidhne an South Sub.
Thathar air a bhith a’ bruidhinn air ath-fhosgladh na loidhne bho chionn fhada agus ged nach do thachair e fhathast, tha mi cho cinnteach ri cinnteach gun tachair e latha de na làithean.
Alasdair