Rinn mi turas gu math gu math fada na bu thràithe an t-seachdain seo.
Bha coinneamh no dhà agam ann an Leòdhas agus an àite a bhith a’ dol ann air a’ plèana, bha mi airson a dhol ann air an trèana, bus is bàta. Ach an àite a bhith a’ dol taobh Ullapuil, bha mi airson slighe ùr fheuchainn is mar sin, chaidh mi ann taobh an Eilean Sgitheanaich.
A’ tòiseachadh aig 7:10m le “trèana nan sùilean dearga” gu Inbhir Nis, thuit mi nam chadal sa bhad is chan eil cuimhne agam air mòran gus an d’ràinig mi prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Stèisean Inbhir Nis (INV)
Às dèidh leth-uair a thìde san stèisean, ghlac mi trèana a’ Chaoil aig 10:58. Tha mi air a bhith a’ coimhead air adhart ris an turas seo gu mòr oir ged a tha mi air a bhith air an loidhne grunn thursan, b’ e seo a’ chiad turas riamh a chaidh mi bho Inbhir Nis dhan Chaol an àite a bhith a’ dol an taobh eile. Nas cudromaiche, bha droch uisge ann gach turas a bha mi air an loidhne roimhe is chan fhaca mi cus.

Loidhne a’ Chaoil
Gu fortanach, ’s e latha grianach a bh’ ann agus bha deagh chothrom agam seallaidhean sgoinneil fhaicinn. Chanainn gu bheil e nas fheàrr tòiseachadh ann an Inbhir Nis oir ged a tha tòrr ri fhaicinn, chan eil tòiseach na loidhne cho eadar-dhealaichte sin ri Loidhne na Gàidhealtachd an Iar no Loidhne a’ Chinn a Tuath. Aig ceann eile na loidhne, ge-tà, tha USP Loidhne a’ Chaoil – na lochan is lochan mara le tràighean, eileanan beaga is bàtaichean gu leòr ann.
‘S ann sa Gheamhradh a bha an dà thuras mu dheireadh agam air an t-slighe seo agus cha robh cus dhaoine air bòrd. Aig deireadh a’ Chèitein, ge-tà, bha cùisean gu math eadar-dhealaichte. Bha gu leòr air an trèana nuair a dh’ fhàg sinn Inbhir Nis ach thàinig tòrr a bharrachd air bòrd ann an Inbhir Pheofharain agus bha an trèana an uair sin gu math làn. Bha e follaiseach gur e luchd-turais a bh’ anns a’ mhòr-chuid – rud a tha a’ sealltainn cho cudromach sa tha an loidhne do dh’eaconomaodh na Gàidhealtachd.

Caol Loch Aillse (KYL)
Bha mi anns a’ Chaol airson dà uair a thìde agus chuir e iongnadh orm cho eadar-Nàiseanta sa bha e. Chuala mi Gearmailtis, Eadaltais agus Dùidsis a bharrachd air Beurla à Afraga a Deas, Àstralia agus na Stàitean Aonaichte.
Ach dè bha ann gus fàilte a chur orra dhan Ghàidhealtachd agus gus cultar na Gàidhealtachd a rìochdachadh?
Mo nàire mhòr….
Ri leantainn
Alasdair
An t-slighe: GLC-INV-KYL, KYL-UIG (bus), UIG-TBT (bàta). Mìltean rèile: 262m, 78ch,
Air m’ iPod: AC/DC “Flick of the Switch (1985) 9/10.
An leabhar agam: “God is not a great” le Christopher Hitchens.