Turas gu Briostó/Bryste/Bristol – baile a tha cho math is gu bheil trì ainmean air! #gàidhlig

Gus an t-seachdain sa chaidh, cha robh mi ann am Bristol ach aon turas riamh agus cha deach sin ro mhath.

Bha mi a’ dèanamh air coinneamh ann am Bath c1998 às dèidh oidhche mhòr le Comann Ceilteach Oilthigh Dhùn Èideann. Oidhche air leth mòr. Bha oidhche ‘caise is fìona’ againn agus dh’òl mi fada fada cus. Dh’òl is a h-uile duine eile! An uair sin chaidh sin dhan Royal Oak airson deochag no dhà eile, rud a tha daonnan na fhìor dhroch idea.

Bha sinn uile math air òl sna làithean sin ceart gu leòr ach dh’òl sinn uile fada cus – fiù’s a rèir slatan tomhais Comainn Cheiltich Oilthigh Dhùn Èideann agus thachair rudan cho sgainneileach air an oidhche sin is nach eil mi a’ dol a dh’aithris orra an seo – eadhan às dèidh 16 bliladhna!

Ìomhaigh eagallach, Bristol Temple Meads (BRI)

Ìomhaigh eagallach, Bristol Temple Meads (BRI)

Co-dhiù, chaidh mi dhachaigh mu dhà uair sa mhadainn agus bha agam ri èirigh airson bus aig mu còig uairean. Mar sin, tha fios nach robh mi a’ faireachdainn ro mhath air an turas bus fada an ath latha. Nas miosa na sin, bha mi air dìochuimhneachadh gun do chuir cuideigin an caise air fad a bha air fhàgail sa bhaga agam a chionn ‘s gu bheil mi cho deidheil air caise. Cha robh mi cho deidheil air caise an ath latha, ge-tà, is sinn air an M6 a’ dol tro Birmingham air bus air leth teth agus samh a’ chòin a’ tighinn dhen bhaga agam!

Nuair a ràinig sinn Bristol mu dheireadh thall, cha b’ e ruith ach leum dhomh a dhol dhan bhiona as fhaisg orm leis a’ chaise mus do ghlac mi am bus gu Bath! Mar sin, fad bhliadhnaichean, nuair a smaoinich mi air a’ bhaile, bha mi daonnan a’ faireachdainn rud beag tinn…

Sealladh de Bhristol bho na docaichean

Sealladh de Bhristol bho na docaichean

Gu fortanach, bha cothrom agam a dhol air ais gu Bristol an t-seachdain sa chaidh gun ‘earball na misge’ orm agus gun caise sam bith nam bhaga. An turas seo cuideachd, chaidh mi air an trèana seach air a’ bhus.

Fhuair mi tiocaid gu math saor (£50) eadar Glaschu is Bristol. Bha mi uamhasach toilichte gus an d’fhuair mi a-mach de an t-slighe a bh’ ann. An àite a bhith a’ dol air a’ chosta an iar, bha an trèana gu bhith a’ dol air loidhne a’ chosta an ear taobh Dùn Èideann, An Caisteal Nuadh, York, Leeds, Sheffield agus Birmingham – còrr is seachd uairean a thìde uile gu lèir.

Chuir mi seachad an tìde le bhith ag èisteachd ri còmhlan roc às na bailtean air an do thadhail sinn air an t-slighe – na Quireboys sa Chaisteal Nuadh, Def Leppard ann an Sheffield, Black Sabbath is Judas Priest ann am Birmingham agus seann stuth bho na Rolling Stones ann an Cheltenham (far an d’rugadh Brian Jones). Cha b’ urrainn dhomh smaoineachadh air còmhlan roc sam bith à Bristol is mar sin, dh’èist mi ri Wishbone Ash a tha à Weston Super Mare a tha caran faisg air!

Bha mi sgìth nuair a ràinig mi Bristol ach fhuair mi deagh thuras timcheall bho mo charaid Marc Mac an Fhilidh a bha a’ fuireach fad iomadh bliadhna sa bhaile. Bha sinn a’ bruidhinn sa Ghàidhlig mar as àbhaist agus bha seo gu math iomchaidh nam bheachd airson baile le ceanglaichean cho làidir ri Èirinn is ris a’ Chuimrigh. Chunnaic mi a h-uile rud bhon taigh-tasgaidh gu Cathair Eaglais Bristol gu Drochaid Clifton. Bha mi a’ smaoineachadh gum biodh Bristol coltach ri Glaschu ach chan ann mar sin a bha e idir. ‘S e baile breàgha a a th’ ann a tha coltach ri Bath, York agus Lunnainn ann an diofar àiteachan. Tha vibe beòthail, ioma-chultarach ann agus mholainn am baile gu mòr do dhuine sam bith nach robh riamh ann.

Cathair-eaglais Bristol

Cathair-eaglais Bristol

Rinn mi is chunnaic mi iomadh rud ann am Bristol ach chòrd dà rud rium gu sònraichte. Sa chiad dol a-mach, tha am baile sgoinneil airson duine sam bith aig a bheil ùidh ann am bàtaichean is trèanaichean. Tha tursan bàta gu leòr rim faighinn air an Avon agus cuideachd, tha Rathad-iarainn Cala Bristol ann. Seo rathad-iarainn anns na docaichean a bhiodh a’ gluasad bathar nuair a bha Bristol fhathast na phort trang. San latha an-diugh, tha an rathad-iarainn na phàirt de thaigh-tasgaidh an M-Shed agus bidh trèanaichean smùid a’ ruith tron t-samhradh.

Bristol Harbour Railway

Bristol Harbour Railway

B’ e an dàrna rud a b’fheàrr mun turas agam gun do choinnich mi ri Jon Wisbey bhon chomhlan roc sgoinneil Alien Stash Tin.  Tha e math coinneachadh ri cuideigin a tha deidheil air an dà rud as cudromaiche san t-saoghal – meatailt is trèanaichean!

Jon Wisbey agus Alasdair

Jon agus Alasdair

Mur a cuala tu an ceòl aca fhathast, seo an t-àm tòiseachadh!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s