Trèanaichean beaga sgoinneil na Cuimrigh #gàidhlig

An turas mu dheireadh a bha mi ann an Caerdydd (Cardiff) chaidh mi ann air a’ phleana. Chaidh sinn bho Phort Adhair Dhùn Èideann gu Port Adhair Eadar-Nàiseanta Caerdydd ach ‘s ann a chaidh mo bhagaichean gu Valencia! Buidhe dhaibh – is bochd nach robh cothrom agam a dhol a dh’Alicante còmhla riutha!

An turas seo, airson a bhith nas uaine – agus gus greim teann a chumail air mo chuid threalaichean – chaidh mi ann air an trèana.

Bha sinn ann am Bristol an oidhche roimhe agus an mar sin, chan e turas ro fhada a bh’ann. Chaidh sinn ann tro thunail an t-Severn – tunail a tha 4 mìle a dh’fhaid – agus chunnaic mi a’ chiad soidhne dà-chànanach ann an stèisean Ceann-rèile Tunail Severn (Cyffordd Twnnel Hafren -STJ).

20140616-225336-82416435.jpg

Chaidh sinn gu Casnewydd (Newport) an toiseach. Bha sinn a’ fuireach còmhla ri mathair mo cho-obraiche Marc ann an gleann tuath air a’ bhaile. Ged a bha mi ann an Caerdydd agus ann an costa a tuath na Cuimrigh, b’ e seo a’ chiad turas agam do na valleys agus abair gun do chòrd e rium a bhith a’ fuireach ann an sràid-bhaile anns na glinn.

20140616-225754-82674177.jpg

Airson a dhol dhan t-Seanadh, ghlac sinn an trèana gu Caerdydd ann an Crosskeys air loidhne Ebbw Vale (Rheilffordd Cwm Ebwy) e rathad-iarainn gu math ùr a tha seo, a chaidh ath-fhosgladh le Riaghaltas na Cuimrigh ann an 2008.

Tha Seanadh na Cymru air a bhith a’ comharrachadh 15 bliadhna de dh’fhèin-riaghaladh bho chionn goirid agus tha seo na dheagh eisimpleir den eadar-dhealachadh a rinn an Cynulliad dhan dùthaich.

Tha Riaghaltas na Cuimrigh air a bhith gu math gnìomhach a thaobh rathaidean-iarainn bho thòisich fèin-riaghaladh ann an 1999. A bharrachd air loidhne Ebbw Vale, chaidh loidhne Vale of Glamorgan ((Bro Morgannwg) ath-fhosgladh ann an 2005.

20140616-231428-83668287.jpg
Stèisean Chasnewydd – NWP

Nuair a chaidh na rathaidean-iarainn a chur dhan roinn phrìobhaidich an tòiseach, bha an dùthaich air a sgaradh eadar diofar franchises. Le taic bhon t-Seanadh, chaidh aon franchise a chruthachadh airson seirbheisean rèile sa Chuimrigh a tha coltach ri ScotRail againn fhèin. Chuir an Riaghaltas barrachd seirbheisean air dòigh eadar taobh taobh tuath is taobh deas na Cuimrigh cuideachd gus an dùthaich aonachadh barrachd.

Agus tha Riaghaltas na Cuimrigh ag ràdh gum bu chòir dhan franchise rèile anns a’ Chuimrugh a bhith fo smachd Caerdydd seach Westminster. Chì sinn dè thachras.

Chaidh mi gu Caerdydd mu dheireadh ann an 2005 le m’obair gus ionnsachadh mu Sheanadh Nàiseanta na Cuimrigh – Cynulliad Cenedlaethol Cymru. Coltach ri Pàrlamaid na h- Alba, cha robh a thoglach fhèin aig an t-Seanadh nuair a dh’fhosgail e.

20140616-231940-83980255.jpg
Seanadh na Cuimrigh – Y Pierhead is y Senedd.

Tha tòrr air atharrachadh bhon turas mu dheireadh a bha mi ann. Dh’fhosgail togalach an t-Seanaidh ann an 2006 agus ann an 2011 bhòt muinntir na Cuimrigh airson cumhachd a thoirt dhan t-Seanadh prìomh reachdas (prìmary legislation) a dhėanamh – mar a nì Pàrlamaid na h-Alba is Seanadh Èireann a Tuath. Bhòt an dùthaich gu làidir (63%) airson an atharrachaidh seo, suidheachadh a bha gu math eadar-dhealaichte bho 1997 nuair a bha an reifreann ann air am bu chòir Seanadh Nàiseanta a bhith ann agus a bhuannaich Yes le nas lugha na 7,000 bhòt.

Ri leantainn…

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 freagairtean ri Trèanaichean beaga sgoinneil na Cuimrigh #gàidhlig

  1. Thuirt monanicleoid:

    Bha seo inntinneach! Is dòcha gum bi mi anns a’ Chuimrigh nas anmoiche am bliadhna, agus leis nach bi càr agam, tha dùil agam gum bi mi a’ cleachdadh nan trèanaichean cuideachd.

    'S toil

  2. Pingback: Cumhachdan ùra dhan Chuimrigh #gàidhlig | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s