Bho Chaerdydd gu Baile Bhòid #gàidhlig

An robh fhios agad gu bheil an t-aon ainm air prìomh stèiseanan Chaerdydd/Cardiff sa th’ air prìomh stèiseanan Ghlaschu – Queen Street is Central?

Agus coltach ri Glaschu, is e Central, no Caerdydd Canalog an stèisean as motha.

A bharrachd air seo, tha lìonra mòr dè loidhnichean suburbach ann cuideachd mar a chithear ann an Srath Chluaidh.

 

De Cymru

 

Cha robh cothrom agam a dhol air cus de na trèanaichean ionadail nuair a bha mi sa Chuimrigh bho chionn goirid ach bha mi gu sònraichte airson loidhne Bae Caerdydd (Bàgh Chaerdydd) fhaicinn. ‘S e loidhne ghoirid air seo a tha dìreach mìle a dh’àite le càr-rèile Clas 153 (sin trèana le dìreach aon charbad) a bhios a’ dol eadar meadhan a’ bhaile agus Bae Caerdydd faisg airSeanadh na Cuimrigh fad an latha. Bidh trèana ann gach 12 mionaidean.

153 320, Bae Caerdydd (CDB)

Is bochd nach eil stèisean mar seo aig Pàrlamaid na h-Alba ann an Cnoc na h-Abaide….

Tha an Seanadh ri taobh sgìre air a bheil Butetown – “Baile Bhòid” na Cuimrigh! Tha an t-ainm a’ comharrachadh gun deach an sgìre a thogail an toiseach le Marcais (Marquess) Bhòid. ‘S e sgìre gu math ioma-chultarach a th’ ann le coimhearsnachd mhòr de Shomalaich .

Ri taobh sgìre Butetown a tha gu math bochd, tha sgìre Bae Chaerdydd a tha gu math gu math beartach le bùithtean, taighean-bìdh is taighean-sinnse daora. ‘S e àite beòthail brèagha a th’ ann le tòrr ri dhèanamh agus le sealladh sgoinneil den bhàgh.

Ma tha thu dèidheil air Dr Who is Torchwood, chan eil àite sam bith eile air an t-saoghal a tha cho math. Fhuair mi fèineag ri taobh Tùr Torchwood agus lorg mi plac a tha a’ comharrachadh Ianto Jones aig Torchwood.

Fèineag Torchwood!

Às dèidh latha sgoinneil ann an Caerdydd ann am meadhan a’ bhaile is ann am Bae Caerdydd, rinn sinn air Y Mochyn Du, taigh-sinnse na Cuimris airson deochag agus dh’òrdaich mi pinnt ann an droch Chuimris!

An ath latha, rinn sinn air Casnewydd/Newport. Thuirt a h-uile duine à Caerdydd gun robh Casnewydd air leth garbh agus grod ach chòrd an t-àite rium glan. Tha am baile feumach air leasachadh eaconomach ceart gu leòr ach tha deagh spiorad san àite is tha e car coltach ri Glaschu.

150 206, Casnewydd (NWP)

Chaidh sinn a-mach gu pinnt ann an Casnewydd agus chuir e iongnadh mòr orm nach do chosg pinntean lagair ach £2.10. Tha co-dhiù 15 bliadhna bho bha e cho saor sin ann an Glaschu no Dùn Èideann!

Tha a’ Chuimrigh sgoinneil. Tha e daonnan na bhrosnachadh mòr dhomh Cuimris fhaicinn is a chluinntinn sa h-uile àite agus a’ faicinn cho soirbheachail sa tha fèin-riaghladh air a bhith dhan dùthaich. Tha mi an dòchas nach bi e fada gun an till mi is gun siubhail mi air barrachd de na rathaidean-iarainn – mòr is beag!

Alasdair

Tùr Torchwood

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s