Ged ’s fhada a-muigh Barraigh, ruigear e! #gàidhlig

Uaireannan bidh mi a’ gabhail truas ri loidhne an Òbain.

Bidh a h-uile duine ag ràdh gur e “turas rèile mòr an t-saoghail” a th’ ann an Loidhne na Gàidhealtachd an Iar, ach mar as trice, thathar a’ bruidhinn mun mheur don Ghearasdan/Malaig seach meur an Òbain.

Tha mi fada den bheachd gu bheil am meur dhan Òban a cheart cho math. Chan eil Mòinteach Raineach ann ceart gu leòr ach tha e doirbh smaoineachadh air sealladh a tha buileach cho math ri Loch Obha.

 

 Stèisan an Òbain (OBN)

Stèisean an Òbain

Tha barrachd trèanaichean air an loidhne a-nis – 6 san latha Diluain-Dihaoine anns a’ chlàr-ama Samhraidh ùr. Tha àireamh an luchd-cleachdaidh air a bhith a’ fàs mean air mhean sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh agus tha teansa ann gum bi trèanaichean sònraichte ag amas air luchd-turais san ath chead-ruith (franchise) airson ScotRail.

Bha mi air loidhne an Òbain bho chionn goirid is mi a’ dèanamh air Barraigh air an aiseag. Chòrd e rium glan mar as àbhaist. Ceithir uairean de shàmhchair is de dheagh sheallaidhean.

 

An t-Òban

Chan eil ach aon ghearan agam mu rathad-iarainn an Òbain, ‘s e sin gun deach an togalach stèisean Bhictorianach sa bhaile aig an robh mullach glainne agus coltas snasail, a leagail sna 1980an agus togalach beag grànda a chur na àite.

Chuir mi seachad dà uair a thìde san Òban agus bhuail e orm cho eadar-dhealaichte sa tha ìre follaiseachd na Gàidhlig ann an diofar bhailtean air a’ Ghàidhealtachd. Anns an Òban (ann an Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid) tha barrachd soidhnichean dà-chànanach na tha ri fhaicinn ann an cha mhòr àite sam bith eile air tìr-mòr.

 

 Soidhnichean dà-chànanach san Ògan

Dà-chànanas san Òban

Tha gu leòr soidhnichean Gàidhlig rim faicinn anns a’ Ghearastan (ann an Comhairle na Gàidhealtachd) cuideachd ach nuair a thèid thu gu Inbhir Nis – prìomh-bhaile na Gàidhealtachd a tha a-nis na chathair-bhaile, chan eil an uiread ann idir. Agus ‘s e glè bheag de Ghàidhlig a chì thu idir anns an Aghaidh Mhòr, ged a tha am baile cho cudromach do luchd-sreap is luchd-turais. Carson a tha an “crannchur còd-puist” seo  ann?

B’ e seo a’ chiad turas agam gu Barraigh agus abair gu bheil an seann-fhacal fìor “ged ‘s fhada a-muigh Barraigh, ruigear e!”. Ged a bhios an turas a’ toirt còig uairean a thìde (no còig uairean an uaireadair mar a chanadh na Barraich), ’s fhiach e!

 

DSCN9778

Bha deagh thuras agam air an MV Fear-cinnidh agus chunnaic mi Muile is Lios Mòr is Àird nam Murchan air a’ chiad leth den turas agus an uair sin, cha robh càil idir ri fhaicinn ach a’ mhuir fhèin gus am faca mi Barraigh.

Mar a thachair e, bha Balaich Bhatarsaigh air a’ bhàta agus chluich iad sa bhàr airson a’ mhòr-chuid den turas.

Tha mi air a bhith anns na h-Eileanan Siar uile a-nis (uill, na h-eileanan mòra co-dhiù – Leòdhas, na Hearadh is Uibhist) ach ‘s e Barraigh a chòrd rium a bu mhotha.  Tha na machraichean gu sònraichte brèagha agus an t-àite loma-làn fhlùraichean. Tha na tràighean fìor mhath cuideachd, gu h-àraid tràighean Bhatarsaigh a tha coltach ris a’ Charibbean – agus a bha cuideachd a cheart cho blàth air an latha a bha mi ann. Tha Bàgh a’ Chaisteil uamhasach snog le Caisteal Chiousmuil sa bhàgh agus eaglais bhrèagha Reul na Mara a seasamh air cnoc os cionn a’ bhaile.

Eaglais Reul na Mara, Barraigh

‘S e eadar-dheanalchadh eile a mhothaich mi bho na h-eileanan eile gu bheil craobhan gu leòr ann an pàirtean den eilean – rud nach eil cho cumanta sna h-eileanan siar.

Bhatarsaigh

Ged a chaidh mi ann air an trèana is bàta, thill mi air a’ phlèana. Seo fear de na tursan plèana as fheàrr san t-saoghal leis a’ phlèana a’ cleachdadh na Tràighe Mòire mar raon-laighe. Bha deagh latha ann agus chunnaic mi Rùm, Eige, Colla, Muile, an t-Òban agus Arainn air an t-slighe dhachaigh.

Port Adhair Bharraigh, An Tràigh Mhòr

Mura robh thu ann am Barraigh, bu chòir dhut a dhol ann!

Rabhadh! Port Adhair Bharraigh

Alasdair
An t-slighe air fad: DUM-GLC, GLQ-OBN, OBN-CTB (bàta). BRR-GLA (plèana), GLA-GLC (bus), GLC-DUM.
Air m-iPod: Irreligiosophy (podcast), Cognitive Dissonance (podcast)

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an A' Ghàidhealtachd, Gàidhlig, rathaidean-iarainn agus a thagadh , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s