Feumaidh mi seann Bhaile Durham fhàgail #gàidhlig

Bubblecar air Rathad-iarainn Weardale

Bidh sinn gu tric a’ dol gu ceann a tuath Shasainn air saor-làithean – Sgìre nan Loch, An Caisteal Nuadh, Northumberland agus Schd York a Tuath. An turas seo, ge-tà bha sinn airson àite ùr fheuchainn.

Mar sin, rinn sinn air Schd Durham an turas seo. Cha robh cus eòlais agam air an sgìre.

 

Alasdair, Jenny agus Ciorstaidh air mullach Cathair-eaglais Durham

Air mullach Cathair-eaglais Durham

Nis, tha tòrr rudan a tha math mun sgìre:

Chan aithne dhomh ach dithis às an sgìre agus tha Gàidhlig aig an dithis aca.

  • Tha e anns a’ mheadhan ma tha thu ag iarraidh a dhol gu tòrr diofar àiteachan ann an Northumberland agus An Caisteal Nuadh a bharrachd air Schd Durham fhèin.
  • Tha ainmean-àite sgoinneil ann, nam measg No Place, Bearpark agus Pity Me.
  • Tha baile Durham fhèin fìor mhath le bùithtean beaga snoga agus Cathair Eaglais a tha sgoinneil fhèin. Nas fhèarr na sin, faodaidh tu tùr na h-eaglaise a shreap. (Rabhadh: dìreach feuch gun smaoineachadh mun òran olc sgriosail sgreamhail uamhasach “I Gotta Leave Old Durham Town” le Roger Whittaker fhad’s a bhios tu ann an Durham…)
  • Tha na Durham Dales fìor mhath – coltach ris na North Yorkshire Moors.
  • Tha tòrr mòr rathaidean-iarainn ann ann/faisg air Schd Durham: Weardale, Tanfield, South Tynedale, Taigh-tasgaibh Shilton agus Taigh-tasgaidh Beamish.

Chaidh sinn an tòiseach dhan Weardale. ‘S e rathad-iarainn beag snog a tha seo a tha a’ ruith eadar Stanhope agus Wolshingham. Chaidh ath-fhosgladh mar phròiseact gus rathad-iarainn ceart a thogail ann an Weardale eadar Bishop Aukland agus Eastgate a bheireadh seachad còmhdhail poblach dhan sgìre.

 

 

Thòisich an iomairt gu math ach gu mì-fhortanach, cha do shoiribhich leis an iomairt san ùine fhada agus aig an àm seo, tha iad dìreach a’ toirt seachad seirbheis goirid airson luchd-turais is spotairean-trèana. Ach ged nach eil e a’ toirt seachadh seirbheis poblach làitheil cunbhalach air an loidhne air fad, tha an loidhne air fad ga cleachdadh airson seirbheisean bathair agus tha na seirbheisean “heritage” aca fìor mhath.

Tha na stèiseanan uamhasach spaideil agus ann am fìor dheagh chor. Tha na seirbheisean gan ruith le “Bubblecar” (Clas 122).

Tha na seallaidhean air an loidhne math dha-rìribh agus tha an luchd-obrach air leth snog. Mholainn gu mòr e.

Ri leantainn….

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s