Turas gu Taigh-tasgaidh nan 1980an! #gàidhlig #beamish

Nuair a bha sinn air saor-làithean ann an Siorrachd Durham bho chionn goirid, chaidh sinn a dh’fhaicinn fear de na Taigh-tasgaidh a fheàrr air an t-saoghal – Beamish.

 

Càr-ballùn à Blackpool, Beamish

Tha mi air bruidhinn mu dheidhinn Beamish turas no dhà air a’ bhloga seo roimhe. ‘S e a th’ ann ach taigh-tasgaidh beò ceann a tuath Shasainn. An àite a bhith a’ dol gu togalach mòr, bidh thu a’ dol gu baile le seann bhùitean, taighean, carbadan, tuathanasan is mar sin air adhart agus chì thu daoine a’ dèanamh rudan mar a bhiodh iad bho chionn ceud no dà cheud bliadhna.

Tha an eachdraidh a’ tighinn beò agus tha gu leòr ann airson daoine aig a bheil ùidh ann an còmhdhail – rathad-iarainn bho na 1900s, rathad-iarainn bho na 1820s agus slighe-trama.

 

Puffing Billy, Beamish

Tha Beamish daonnan a’ fàs agus ‘s e am plana as ùire a th’ aca baile bho na 1950s a thogail. Tha baile bho na 1820s agus bho na 1910s ann mar-thà. Tha mi air mo dhòigh glan oir thèid loidhne bhusaichean-tràilidh a stèidheachadh mar phàirt den phròiseact ùr.

Chuir aon rud iongnadh orm, ge-tà. Tha iad a’ tòiseachadh air a’ bhaile 1950s aca ach tha mi air cluinntinn gu bheil iad a-nis a’ tòiseachadh air baile 1980s a phlanadh! Eil mi cho aosta sin?? Tha deagh chuimhne agam air na 80s agus chòrd iad rium fìor mhath ach a bheil e cho fada air ais is gu bheil feum againn air taigh-tasgaidh airson nan 80an mar-thà?!

Gu dearbha, bha iad ag iarraidh air daoine post-its a chur suas leis na cuimhneachan aca bho na 1980an. Seo na sgrìobh mi:

  • New Wave of British Heavy Metal
  • ZX Spectrum (Jet Set Willy, Manic Miner agus Chuckie Egg gu sònraichte!)
  • Stailc nam mèinnearan is daoine a’ cur an aghaidh Thatcher
  • Video recorders a’ tighinn a-mach son a’ chiad uair!
  • Fiolmaichean horror sgoinneil!

Saoil am b’ urrainn dhomh fuireach ann an taigh sa bhaile 80s aca? Chòrdadh sin rium glan.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Rathaidean-iarainn glèidhte, tramaichean, Uncategorized agus a thagadh , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s