Còmhdhail Co-cheangailte a’ Cho-fhlaitheis #gàidhlig #glaschu2014

Chaidh sinn gu Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis an-diugh gus beagan den lùth-chleasachd fhaicinn. Bha deagh latha againn sa Hydro agus chunnaic sinn sgiobannan a dìofar dùtchannan a’ gabhail pàirt.

Mar phàirt den tiocaid againn, fhuair sinn còmhdhail phoblach saor is an-asgaidh dhan tachartas. Chaidh sinn air an trèana ach bha am bus agus an subway an-asgaidh cuideachd do dhaoine a bha a’ frithealadh nan geamaichean. Chan e a-mhàin gu bheil a’ chòmhdhail phoblach airson nan Geamaichean saor is an-àsgaidh ach tha barrachd trèanaichean a’ ruith agus tha iad a’ ruith nas anmoiche air an oidhche.

 

Ciorstaidh a' dol do na Geamaichean

Ciorstaidh a’ dol do na Geamaichean

‘S e deagh rud a tha sin gun teagamh agus thug e orm smaoineachadh: carson nach eil còmhdhail cheangailte mar seo ann airson tachartasan mòra eile?

Ma tha thu a’ ceannachd tiocaid bho chompanaidh leithid TicketSoup no Ticketmaster etc, carson nach eil roghainn ann còmhdhail phoblach dhan tachartas a cheannach air prìs lasaichte mar phàirt den tiocaid? Can £1.50 a bharrachd airson còmhdhail phoblach taobh a-staigh Shrath Chluaidh, £5 airson meadhan na h-Alba no £10 airson àite sam bith eile ann an Alba.

No is dòcha gun gabhadh cìs a chur air tiocaidean airson tachartasan ciùil no spòrs mòra airson pàigheadh airson seirbheisean còmhdhail phoblach freagarrach.

Le sgeama mar seo, bhiodh barrachd airgid ann airson barrachd trèanaichean/busaichean a chur air dòigh tro bhith a’ ceannachd barrachd rolling-stock no a bhith a’ ruith trèanaichean nas anmoiche air an oidhche.

Feumar rudeigin a dhèanamh mu amannan nan trèanaichean is busaichean mu dheireadh air oidhcheannan nuair a bhios consairtean mòra a’ tachairt. Bidh consairtean a’ sgaoileadh aig 11f mar as trice ach bi na trèanaichean mu dheireadh ann an Glaschu mar as trice a’ falbh dìreach roimhe sin no dìreach às dèidh sin.

Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus a’ dol gu consairtean ann an Glaschu gu tric, bhiodh an trèana mu dheireadh a’ falbh aig 11.30 agus cha robh tìde gu leòr faighinn eadar na Barras no an SECC agus Sràid na Banrighinn. Agus ged a bha bus ann aig meadhan-oidhche, cha bhiodh rùm gu leòr ann uaireannan airson a h-uile duine a bha ag iarraidh air bòrd agus bhiodh iad stuicte ann an Glaschu gus an ath bhus aig 3m! Air oidhche nuair a bhios consairt san SECC no Armadillo no Ath nam Broc, bidh na miltean de chàraichean a’ lìonadh an M8 agus a’ cur maill air trafaig air feadh meadhan na  h-Alba.

Tha Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis a’ sealltainn dè gabhas dèanamh a thaobh còmhdhail cheangailte agus tha mi an dòchas gu bheil an Riaghaltas, na h-ùghdarrasan ionadail agus na companaidhean còmhdhail air leasan ionnsachadh airson an àm ri teachd.

 

logog

 

San dol seachad, tha e caran doirbh dhomh co-dhùnadh dè na dùthchannan a leanas mi aig Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis oir tha na dùtchannan uile as fheàrr leam uile an sàs ann! A bharrachd air Alba fhèin, chunnaic sinn a’ Chuimrigh, Èirinn a Tuath, Eilean Mhanainn, Canada, Deàrsaidh agus Sealan Nuadh – uile dùthcannan loma-làn mion-chànanan. Is bochd, ge-tà, nach eil Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis a’ cleachdadh na cànain againn fhèin. Ged a chruthaich iad suaicheantas Gàidhlig, cha deach a chleachdadh idir. Nàire mhòr.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s