Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile, Shildon #gàidhlig

Tha a’ mhòr-chuid againn eòlach air Taigh-tasgaidh Nàiseanta na Rèile ann an York ach an robh fhios agad gu bheil dàrna làrach aig an taigh-tasgaidh ann an Shildon, County Durham cuideachd?

Chan eil rùm ann an York airson a h-uile rud anns a’ chruinneachadh nàiseanta agus mar sin, tha tòrr de na carbadan-rèile gam cumail ann an Shildon a’ gabhail a-steach Deltic (am prototype), an APT agus Mallard.

Advanced Passanger Train

An APT (Advanced Passenger Train)

Chaidh mi gu Locomotion – NRM Shildon nuair a bha mi air làithean-saora ann an Siorrachd Durham bho chionn goirid.

Tha seada mòr ann le grunn locothan is coidsichean cho math ri loidhne a tha mu 1 km a dh’fhaid far a bheil tursan trèana goirid rim faighinn as t-samhradh.

 

Class 03, Shildon

Tha an àrainneachd gu math cudromach dhan taigh-tasgaidh cuideachd agus tha crann-gaoithe agus bus bith-diesel aca.

Chòrd an t-àite rium glè mhath ach chanainn nach deach mi ann aig an àm a b’ fheàrr. Chaidh mi ann aig tòiseach nan saor-làithean sgoile Albannach mus do sgaoil sgoiltean Shasainn is mar sin, cha robh na trèanaichean a’ ruith idir

Cuideachd, cha robh cus de na trèanaichean ainmeil a tha aig Shildon mar as àbhaist an làthair idir nuair a bha mi ann – cha robh sgeul air Deltic no air Mallard no air Sans Pareil. Agus gu dearbh, cha robh cus einnseanan diesel no dealanach idir ann.

 

Trèana smùid air choireigin!

Mar sin, ged is e deagh àite a bh’ ann, cha do dh’fhàn mi ann ach airson uair a thìde – a’ gabhail a-steach srùbag – ged a tha ùidh mhòr agam ann an trèanaichean.

Chanainn gum biodh e tòrr na b’fheàrr a dhol ann air latha às t-samhradh no air latha nuair a tha tachartas sònraichte air.

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s