Bidh mi a’ daonnan a’ moladh NIR – Northern Ireland Railways – air a’ bhloga seo. ‘S e an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal a th’ ann nam bheachd ach ann an iomadh dòigh ‘s e an rathad-iarainn as neònaiche san t-saoghal a th’ ann cuideachd.
Chaidh a’ chompanaidh a stèidheachadh ann an 1967 agus bhon tòiseach, ‘s e glè bheag de dh’airgead a bh’ aca. Cha d’fhuair iad riamh an uiread de shubsadaidh sa fhuair British Rail, cha robh an riaghaltas (seann riaghaltas Stormont no Westminster) riamh taiceil do na rathaidean-iarainn agus chaidh tòrr sgrios a dhèanamh air an lìonra anns na Trioblaidean.

Lìonra NIR
Mar sin, bha NIR ann an suidheachadh doirbh agus bha aca ri bhith uamhasach fhèin tapaidh gus na rathaidean-iarainn a chumail a’ dol.
Is dòcha nach robh airgead sam bith aca, ach ruith na trèanaichean co-dhiù – seann thrèanaichean air droch thrac – mar thoradh air sellotape agus gaol an luchd-obrach. Agus mar a chanas iad: nì airc innleachd (ged nach glèidh i oighreachd) no mar a chanadh iad sa chànain eile necessity is the mother of invention.
Bha duilgheadas eile aca cuideachd – gu bheil gèidse na h-Èireann (5’3”) eadar-dhealaichte ris a’ ghèidse ann am Breatainn (4’8.5”) agus mar sin, nach gabh uidheamachd no carbadan rèile à dùthchannan eile a chleachdadh an Èirinn idir no gum feum atharrachaidhean mòra cosgail a bhith ann.
Seo cuid de na sgeulachdan as fheàrr leam mun NIR.
- Trèanaichean Frankenstein! Cha robh airgead aig an NIR airson trèanaichean ùra a cheannach gu tric is mar sin, bha cleas aca – ath-chuairteachadh! Chleachd iad pìosan a-mach à seann thrèanaichean gus trèanaichean ùra a dhèanamh. Mar sin, nuair a bha feum aca air trèanaichean ùra sna 1980an, thug iad na h-einnseanan a-mach à càraichean-rèile bho na 1960an agus thàinig na chassis-ean à seann choidsichean a fhuair iad bho BR gus trèanaichean Frankenstein (Class 450 – Castle Class) a chruthachadh.

Trèana Frankenstein – Clas 450
- Aiseirigh trèanaichean smùid! Aig deireadh nan 1990an, bha aig NIR ri tòrr mòr obrach a dhèanamh air an loidhne eadar Bleach Green agus Aontroim a bha gu bhith air a h-ath-fhosgladh. Bha iad feumach air shunter ach cha robh loco sam bith aig NIR a dhèanadh an obair. Dè rinn iad? Fhuair iad seann loco smùid a-mach às an taigh-tasgaidh is chleachd iad sin. Dè cho cool sa tha sin!
- Càraichean-rèile a’ giùlain bathar: b’ àbhaist beagan bathar a bhith aig an NIR ach cha robh locothan gu leòr aca airson trèanaichean bathair a ghiùlain is cha robh airgead aca gus an ceannach. Dè rinn iad? Cheangail iad na carbadan bathair ri càraichean-rèile! ‘S e a th’ ann an càr-rèile no DMU (diesel multiple unit) ach coidsichean do luchd-siubhail le rùm beag airson dràibhear aig an tòiseach is cùl agus einnseanan beaga fon làr. Smaoinich air, can, an càr-rèile beag gu Cille Bhrìghde an Iar no Mallaig a’ tarraing cement às a dheth!
- The bridge is doon! Ann an 1965, chaidh an drochaid-rèile thairis air Abhainn an Lagáin a thoirt air falbh a bha a’ ceangail loidhne Beannchair-Beal Feirste (Queen’s Quay) dhan chòrr den lìonra. Chaidh a toirt air falbh gus rathad ùr a thogail agus cha do bhodraig an riaghaltas drochaid rèile ùr a chur na àite. Mar sin, nam biodh aig NIR ri trèana a ghluasad bho loidhne Bheannachair gu loidhne eile, bha aca ri a chur air làraidh agus a ghluasad air an rathad! Cha deach drochaid ùr a thogail gus 1976.
- Lady of the Lake! Anns na 1980an, bha duilgheadas le NIR gun robh asbestos ann an tòrr de na càraichean-rèile aca is gun gu leòr airgead gus a thoirt a-mach gu sàbhailte. Mar sin, thug iad an t-uidheamachd air fad a-mach (faic gu h-àrd) agus rinn iad “shrink wrapping” air na coidsichean agus thilg iad a-steach gu loch ann an seann chuairidh!

Tha dà dhrochaid ùr ann a-nis a tha a’ ceangal an lìonra ri chèile – Drochaid Dargan (san deilbh) – 1994 – airson loidhne Dhoire agus Drochad an Lagáin airson loidhne Bheannchair – 1976.
Sin agad NIR – bochd ach innleachdach!
Chaidh an lìonra air fad ùrachadh san deich bliadhna mu dheireadh ach ‘s e an rathad-iarainn as fhèarr san t-saoghal a th’ ann fhathast!
Alasdair