Tha Clochán an Aifir (no the Giant’s Causeway) air leth ainmeil ach tha rathad-iarainn beag ri a thaobh a tha gu math cliùiteach cuideachd.
Seo Iarnród Chlochán an Aifir is Mhuileann na Buaise no Rathad-iarainn Giant’s Causeway agus Bushmills ann an Contae Aontroma ann an ceann a tuath na h-Èireann.
Ged a tha an rathad-iarainn seo caran ùr, chaidh a thogail air an làraich aig Slighe-trama gu math ainmeil is cudromach: Giant’s Causeway Tramway – Trambhealach Chlochán an Aifir. Bha seo ga ruith le companaidh le ainmean sgoinneil Bhictorianach: Giant’s Causeway, Portrush and Bush Valley Railway & Tramway Company Ltd.

Rory, Rathad-iarainn Chlochán an Aifir is Muileann na Buaise
Dh’fhosgail an loidhne caol-ghèidse seo ann an 1883 agus bha i cudromach gu h-eachdraidheil oir b’ e loidhne dhealanach a bh’ ann agus b’ i a’ chiad rathad-iarainn san t-saoghal a chleachd cumhachd dealain-uisge (hydro electricity).
Thòisich an t-slighe-trama taobh a-muigh stèisean Phort Rois (Port Rush) agus ruith e tro bhaile snog Mhuileann na Buaise (Bushmills) gu Clochán an Aifir fhèin. Bha e 9 mìle a dh’fhaid uile gu lèir. Bha e air an rathad mhòr eadar Port Rois agus Muileann na Buaise air rathad a tha gu math trang an-diugh ach airson a’ chòrr den t-slighe, bha e air loidhne air leth.

Stèisean Phort Rois
Dhùin an loidhne ann an 1949 ach chaidh an t-slighe-trama ath-thogail ann an 2002 eadar Muileann na Buaise agus Clochán an Aifir – mu 2 mhìle.
Chleachd iad an t-uidheam a bh’ aig Rathad-iarainn Shane’s Castle faisg air Aontroim. ‘S e rathad-iarainn caol-ghèidse do luchd-turais a bha seo ach dhùin an caisteal don t-sluagh ann an 1994 agus chaidh an loidhne a dhùnadh aig an aon àm.
Tha locothan smùid agus diesel aig Rathad-iarinn Chlochán an Aifir ach bho choinn dà bhliadhna, choimisean iad tramaichean diesel ùra le coltas nan seann tramaichean dealanach.

An trama ùr
Ma tha thu airson coimeas a dhèanamh eadar na tramaichean ùra agus na seann tramaichean, gabhaidh sinn a dhèanamh ann an Taigh-tasgaidh Pobal is Còmhdhal Uladh ann an Cúl Trá (Cultra) faisg air Beál Feirste oir tha deagh chruinneachadh aca de thramaichean Èirinneach, a’ gabhail a-steach trama Chlocháin an Aifir.
Mholainn an rathad-iarainn seo gu mòr. Tha e a’ tòiseachadh anns a’ bhaile bheag snog Muileann na Buaise far a bheil tòrr bùithtean inntinneach. Tha dà chippy uamhasach math ann cuideachd.
Tha an rathad-iarainn seo a’ toirt dhut deagh bhlas de rathaidean-iarainn caol-gèidse na h-Èireann sna seann làithean. Ged a tha na tramaichean ùr-nodha, tha coltas Bhictorianach orra agus tha an trac caran neo-dhìreach agus cugallach agus tha feur a’ fàs eadar na rèilichean.
Tha na seallaidhean bhon rathad-iarainn seo dìreach iongantach. Tha e a’ dol tro achaidhean brèagha ri taobh na mara le dùin-ghainmhich, tràighean bàna, callaidean àrda agus raon goilf. Tha an loidhne dol tarsainn air a’ Bhuais (Abhainn Bush) dà thuras cuideachd.
‘S fhiach e dol gu Èirinn airson seo fhaicinn a-mhàin!
Feumaidh mi a ràdh gun do chòrd an rathad-iarann rium na bu mhotha na Clochán an Aifir (Giant’s Causeway) fhèin. Tha an Causway nas lugha na tha e a’ coimhead air an TBh agus bha e fada fada ro thrang air an latha a bha sinn ann!
Alasdair
Air m’ ipad: Led Zeppelin House of the Holy (5/10) – mar thoradh air còmhdach an LP!