Trèanaichean beaga sgonneil na h-Èireann! #gàidhlig

Bidh mi daonnan a’ moladh NIR  – Northern Ireland Railways – an rathad-iarainn beag as fheàrr san t-saoghal – sa bhloga seo. 

Ach a bharrachd air na trèanaichean mòra, tha meanbh rathad-iarainn no dhà ann an Ulaidh a tha fìor mhath.

 

 

Nuair a bha sin ann an Èirinn air ais san Iuchar, chaidh sinn gu Pàirce Dhùthchail Carnfunnock faisg air Latharna.

‘S e pàirc sgoinneil a tha seo le slighean-coiseachd, gàradh ballach, coille, caisteal sgeingeach (bouncy castle), ‘goilf craicte’, agus raon-cluiche mòr.

Ach nas cudromaiche, tha rathad-iarainn beag ann le trèana bheag dhearg. Tha an loidhne ann an cruth figear-8 agus tha deagh sheallaidhean rim faicinn den phàirc agus de chosta Chontae Aontroma.

Ma tha clann còmhla riut, còrdaidh an rathad-iarainn riutha gu mòr oir tha diofar mhodalan de bheathaichean air am falach faisg air an trac – feòragan agus gràineagan is cait is mar sin air adhart. A bharrachd air seo, tha tunail ann a tha caran fada is dorcha.

Tha meanbh-rèile ainmeil eile ann am Beannchar (Bangor) ann an Contae an Dúìn (Down) cuideachd. Seo am Pickie Puffer agus ged nach d’fhuair mi cothrom a dhol ann, thèid mi ann latha de na làithean.

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn, Uncategorized agus a thagadh , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s