Trèanaichean, tramaichean is tiùbaichean! #gàidhlig

Tha mi air an seanail YouTube agam a sgeadachadh bho chionn goirid. Ged a tha mi air a bhith a’ cur bhideothan co-cheangailte ri trèanaichean, tramaichean is tràilidhean suas bho chionn bliadhna no dhà tha mi a-nis air an duilleag a sgioblachadh is a chur an òrdugh.

 

Capture

An àite a bhith a’ togail bhideothan de rathaidean-iarainn ainmeil air a bheil tòrr mòr dhaoine eòlach mar-thà, tha fòcas agam air rathaidean-iarainn beaga nach eil idir air am faicinn cho tric air-loidhne, gu h-àraid air meanbh rathaidean-iarainn.

Seo cuid de na loidhichean a chithear air an t-seanail agam: Shed 47 (Lathach Amain/Lathalmond, Dùn Phàrlain), slighe-trama Summerlee, Alford Valley Railway (Schd Obar Dheathain), meanbh rathad-iarainn Choileum (Cill Saidhe) agus meanbh rathad-iarainn Shrath Aibhne.

Bidh faiceallach, ge-tà, tha rud beag ciùil ann bhon chòmhlan roc agam ann cuideachd!

Ma tha sibh airson beachd sam bith fhàgail air gin de na bhideothan, nach dèan sibh sa Ghàidhlig sa Ghaeilge no sa Ghaelg e.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn, tramaichean agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s