A’ siubhail air feadh an t-saoghail le mo mhapa-sgrìobaidh #gàidhlig

Is toil leam a bhith a’ siubhail agus is toil leam cuideachd a bhith a’ clàradh a h-uile àite far an robh mi.
Fhuair mi deagh phrèasant bho chionn bliadhna no dhà a tha na chuideachadh mòr le bhith a’ dèanamh seo: mapa-sgrìobaidh no scratch-map.
 ‘S e a tha seo ach mapa far an sgrìob thu dheth na h-àiteachan air an do thadhal thu. Tha e coltach ri scratch-card Lotto no rudeigin mar sin. Aig an tòiseach, tha am mapa dìreach ann an aon dàth ach fàsaidh e dathach le gach baile, sgìre no dùthaich a sgrìobas tu dheth.
Seo dealbh den mhapa mar a tha e an-dràsta. Mar a chì thu, tha mi air a bhith sa h-uile sgìre comhairle ann an Alba ach a-mhàin Arcaibh is Sealltainn. Tha grunn eileanan Gàidhealach nach fhaca mi fhathast nas motha, a’ gabhail a-staigh Ìle, Tioradh, na h-Eileanan Beaga, Hiort (!) is eile.
Agus bha mi anns a’ Chòrn, ann an grunn àiteachan ann an ceann a tuath na h-Èireann agus sa Chuimrigh agus anns a’ mhòr-chuid de na sgìrean ann an Sasainn.
Chan eil e cho furasta sa tha e a’ coimhead, ge-tà! Tha e a’ togail tòrr mòr cheistean ma tha thu nad shàr-anorak. Mar eisimpleir, chaidh mi tro iomadh sgìre is baile ann an trèana, bus no càr gun a bhith a’ stad, agus cha do chuir mi seachad ach uair a thìde no dhà ann an cuid de na h-àiteachan agus cha robh mi a’ faireachdainn gun do chuir mi eòlas idir air an àite.
Mar sin, cha do chuir mi sìos gun robh mi air a bhith ann an àite ach nuair a chuir mi seachad oidhche san àite no gun robh mi ann dhà no trì tursan. Gu dearbh, tha mi a’ smaoineachadh gun robh mi anns a h-uile siorrachd ann an Sasainn uair no uaireigin ach a-mhàin Dorest, Essex, Rutland agus Suffolk. Mar sin, ged a bha mi ann ann tòrr sgìrean ann am Marches na Cuimrigh air an trèana, mar eisimpleir, cha do stad mi ann is cha do chuir mi sìos air a’ mhapa iad.
Tha aon ghearan agam, ge-tà – sin gu bheil am mapa a’ fàs caran boring mar as motha de dh’àiteachan a chunnaic thu! Nam rachadh tu dhan a h-uile siorrachd air a’ mhapa, cha bhiodh ann ach mapa àbhaisteach.

Mapa an t-Saoghail

Mar sin, tha mi air mapa-sgrìobaidh a cheannach den t-saoghal air fad cuideachd oir ged a tha mi cinnteach gum faic mi a’ mhòr-chuid de na sgìrean ann an Alba, a’ Chuimrigh, Èirinn is Sasainn uair no uaireigin, bheir e nas fhaide an saoghal air fad fhaicinn!
Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 fhreagairt ri A’ siubhail air feadh an t-saoghail le mo mhapa-sgrìobaidh #gàidhlig

  1. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s