Stiùireadh air faraidhean saora #gàidhlig

Bho chaidh BR dhan roinn phrìobhaideach anns na 1990an, tha e air a bhith gu math doirbh faighinn a-mach mu na tiocaidean rèile as saoire.

Mar eisimpleir, tha tòrr diofar chompanaidhean ann agus tha prìsean eadar-dhealaichte ann airson tiocaidean dhan aon àite a’ crochadh air dè a’ chompanaidh a th’ ann is cuine a tha thu airson a dhol ann.

 

Stèisean Inbhir Theòrsa

Inbhir Theòrsa – chaidh mi bho Ghlaschu gu Inbhir Theòrsa is air ais uair air £19!

Le beagan eòlais air a’ chùis ge-tà, tha tòrr dhòighean ann tiocaidean gu math saor fhaighinn.

Tha mi air leabhar-iuil a sgrìobhadh mu bhith faighinn na tiocaidean as fheàrr is as saoire. Rinn mi e airson na buidhne eco aig m’ obair ach bi e feumail do dhuine sam bith.

A bharrachd air tiocaidean saora, tha fios ann mu thiocaidean rail and sail (gu Eileanan na h-Alba, Èirinn, Manainn) agus mu thiocaidean rail/bus agus mu bhith siubhail do na puirt-adhair.

An dòchas gun còrd e ruibh. Ma tha ais-eòlas sam bith agaibh, leig fios air a’ bhloga seo.

 

 

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s