Citysmart – dè cho smart sa tha e? Cairt-thapaidh ùr Dhùn Èideann #gàidhlig

Tha cairt-thapaidh (smartcard) ùr aig Còmhdhail Dhùn Èideann (Transport for Edinburgh) airson seirbheisean bus is trama.

Tha an cairt ùr seo, an citysmart, ag amas air daoine a bhios a’ cleachadh bhusaichean/tramaichean Dhùn Èideann meadhanach tric ach nach bi gan cleachdadh a h-uile latha.

Mar sin, an àite a bhith a’ lorg briseadh (change) air £1.50 airson gach turas bus no trama a bhios agad, faodaidh tu pàigheadh airson tòrr thursan aig an aon àm. Tha seo fìor mhath airson daoine mar mi fhèin a bhios a’ pàigheadh airson cha mhòr a h-uile rud le cairt is aig nach bi briseadh gu leòr airson faradh bus uair sam bith.

 

Trama aig Port Adhairt Dhùn Èideann

Ach dè cho tapaidh sa tha a’ chairt-thapaidh seo an da-rìribh? A bheil e coltach ris an Oyster ann an Lunnainn?

‘S e an fhreagairt nach eil e ro thapaidh is nach eil e idir coltach ris an Oyster.

Dè tha math mu dheidhinn?

  • Faodaidh tu suas ri 50 tursan bus/trama a chur air a’ chairt aig an aon àm.
  • Chan fheum thu briseadh (change) a lorg dhan bhus tuilleadh.

 

Dè nach eil buileach cho math mu dheidhinn?

  • Ged is e cairt thapaidh a th’ ann, feumar airgead a chur oirre air ann am bùithtean Lothian Buses no air a’ bhus (agus air a bhus, feumaidh tu paigheadh ann an shrapnel “exact fare” agus cha ghabh ach 5 tursan a chur air co-dhiù). Cha ghabh airgead a chur oirre air an eadar-lìon agus chan eil lìonadh fèin-obrachail (auto top-up) ann idir.
  • Chan eil e nas saoire a bhith a’ cleachdadh na cairt ùire seo an àite a bhith a’ pàigheadh san dòigh àbhaistich. Agus eu-choltach ris an Oyster, chan eil cap air na phàigheas tu ann an aon latha.
  • Bidh thu fhathast a’ faighinn tiocaidean pàipear gach turas a chleachdas tu a’ chairt is mar sin, chan eil e cho math dhan àrainneachd sa tha an Oyster, Bramble Subway Ghlaschu is eile far nach fhaigh thu tiocaid idir.
  • Eu-coltach ris an Oyster, cha ghabh an citysmart a chleachdadh air dòigh-chòmhdhail sam bith ach busaichean is tramaichean Lothian.
  • Cha ghabh an citysmart a chleachdadh air seirbheisean trama ma tha thu a’ dol dhan phort-adhair, air busaichean oidhche no air an Airbus dhan phort-adhair.
  • Chan eil citysmart ann airson cloinne fhathast.
  • Chan eil ach 6 miosan agad gus na tursan a chuireas tu air a’ chairt a chleachdadh. Cleachd iad no caill iad.

Leis an fhirinn innse, chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil Còmhdhail Dhùn Èideann a’ tuigsinn carson a tha cairtean thapaidh ann! Mur eil e nas saoire is nas fhasa a bhith a’ cleachadh cairt thapaidh na bhith a’ pàigheadh le airgead, is mur a ghabh a chleachdadh air seirbheis sam bith eile, nach biodh e na b´ fhasa siostam a chur air dòigh mar a th’ aca ann an Lunnainn far an urrainn dhut pàigheadh airson gach turais leis an touchcard debit àbhaistich agad?

Mar sin, ged is e ceum air adhart a th’ ann, ’s e ceum gu math gu math beag a th’ ann agus chan eil e idir idir a’ dol fada gu leòr. Chan eil e a’ dèanamh dad gus còmhdhail cho-cheangailte a bhrosnachadh no gus cleachdadh còmhdhail phoblach a bhrosnachadh. Tha sinn a-nis ann an suidheachadh far a bheil cairt-thapaidh ann airson Subway Ghlaschu agus far a bheil ScotRail a’ roileadh a-mach cairt-thapaidh eile. Carson nach gabh a h-uile rud a chur air aon chairt nàiseanta?

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s