Chaidh mi gu rathad-iarainn Wester Pickston ann an Gleann Amain, Siorrachd Pheairt Disathairne sa chaidh airson latha fosgailte SMET (Scottish Model Engineering Trust).
Cha robh sin buileach glic oir, mar a fhuair mi a-mach às dèidh dhomh draibheadh bho Ghlaschu, ’s ann air Didòmhnaich a bha an latha fosgailte gu bhith ann!
Mar sin, bha agam ri dhol air ais an ath latha. Abair amadan!
Chan urrainn dhomh cus gearain a dhèanamh, ge-tà, oir tha mi gu math dèidheil air an t-siorrachd as motha agus as fheàrr an Alba agus thug e dhomh leisgeul a dhol air ais aon uair eile.

Smùid bheò!
Tha mi air iomadh meanbh rathad-iarainn fhaicinn thairis air na bliadhnaichean ach tha seo air leth bho rud sam bith eile a chunnaic mi riamh. Gu tric, ’s e trèanaichean dìosail le coltas trèanaichean smùid a chì thu air na rathaidean-iarainn beaga ach an turas seo, b’ e locothan smùid ceart a bh’ ann. Dh’fhairich mi fàileadh na smùid bho na trèanaichean greis mhòr mus fhaca mi trèana sam bith – no fiù’s an rathad-iarainn fhèin!
Gu h-annasach, bha trèanaichean dealain aca cuideachd le coltas trèanaichean dìosail! Chaidh mi air Clas 15 beag agus bha e sgoinneil. Tha chip-fuaim ann a nì fuaimean mar einnsein dìosail mòr.

Clas 15 beag!
A bharrachd air na locothan, tha an trac fhèin dìreach air leth. Mar as trice, tha meanbh rathaidean-iarainn beag agus goirid, ann an loidhne dhìreach no ann an cruth figear-8.
Chan eil an loidhne seo, a tha dà-ghèidseach: 5″, 7″, idir goirid agus chan eil e idir àbhaisteach a thaobh cruth. Tha e lùbach fada agus tha siostam-siognailean, air a riaghladh le coimpiutairean, a tha a cheart cho toinnte ri rud sam bith a chì thu air na rathaidean-iarainn mòra. Tha bogsa siognailidh agus togalach stèisean ann cuideachd cho math ri seada einnsein a tha a cheart cho mòr ri rudeigin a chitheadh tu aig rathad-iarainn mòr.
Bha e gu math trang air an latha a bha mi ann agus an àite dìreach aon trèana a bhith a’ ruith, bha trì no ceithir a’ dol aig an aon àm – rud a bha gu math feumail Didòmhnaich agus na ficheadan de dhaoine ann airson an latha fhosgailte.
Tha rathad-iarainn Wester Pickston stèidhichte ann an coille air rathad gu math iomallach mu 3 no 4 mìle a-mach à Meadhainnigh (Methven). Tha e ann an coille agus tha craobhan agus lòintean gu leòr ann. Tha an obair-innlearachd fìor mhath cuideachd – an seòrsa rud a chitheadh tu air an rathad-iarainn mhòr – drochaid mheatailt mhòr agus ballachan, gearraidhean is uchdanan gu leòr. Chaidh an loidhne a leudachadh na bu thràithe am-bliadhna agus tha SMET air tòiseachadh air leudachadh eile mar-thà!
Chan eil an rathad-iarainn fosgailte ach trì no ceithir latha sa bhliadhna ach ’s fhiach e a dhol ann agus còrdaidh e ris a’ chloinn cuideachd.
Seo bhideo a thog mi den rathad-iarainn.
Alasdair
Air m’ ipad: Big Country, the Crossing (1983), 10/10; Dire Straits – Communique (1979) – 8/10, Pink Floyd – Meddle (1971) – 6/10.
Clas 20 beag!