Imelda Marcos nan Lèintean-t #gàidhlig

Nuair a bha mi na b’ òige, bha cliù agam mar Imelda Marcos nan lèintean-t.

Bha – agus tha – tòrr mòr lèintean-t agam – a’ chuid as motha nan lèintean roc – Saxon, Maiden, Priest, Zeppelin, AC/DC, Clash, Pistols, Big Country, It Bites, the Doors, Metallica, Megadeth is mar sin air adhart. Bidh mi fhathast a’ caitheimh lèintean-t mar seo gu tric is gu minig – an fheadhainn nach eil ro bheag dhomh co-dhiù! Agus tha lèine-t Thin Lizzy agam airson gach latha den t-seachdain fhathast!

Tha cuimhne agam ann an 1991 no mar sin a bhith a’ faicinn rocair le lèine-t Thin Lizzy bho chuairt Chinatown ann an 1980. Cha robh mi ach òg aig an àm agus smaoinich mi “wow – chunnaic e Thin Lizzy bho chionn deich bliadhna. Smaoinich cho fada air ais sa bha sin!”. A-nis bidh leintean-t orm gu tric bho chuairtean bho chionn deich no fiù’s fichead bliadhna.

Bha tòrr mòr lèintean-t poilitigeach agam cuideachd ach tha obair agam a-nis far nach fhaod mi beachdan poilitigeach a nochdadh agus mar sin, tha iad seo uile san loft a-nis!

Bho chionn goirid, tha mi air a bhith a’ feuchainn ri bhith nam mhodal airson “trainspotter chic” agus mi air gu leòr lèintean-t rèile fhaighinn! Tha feadhainn agam airson BR, Northern Ireland Railways, Amtrak agus ViaRail (Canada) cho math ri mapaichean subway airson Lunnainn, Berlin agus Moscow.

Seo cuid den fheadhainn as fhèarr leam.

Alasdair

photo 2

photo3 photo 1

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s