Lunnainn a’ gairm – 402 mìle de spòrs! #gàidhlig

Chaidh sinn air an trèana oidhche gu Lunnainn aig deireadh na seachdain.

‘S fìor thoil leinn an trèana-cadail – an Caledonian Sleeper – agus is e seo an turas mu dheireadh againn oirre mus tòisich am franchise ùr sa Chèitean an ath bhliadhna.

An turas mu dheireadh a bha sin oirre, cha robh ach triùir againn ach tha Eubha Bheag againn a-nis. Chan eil i ach 16 mìosan a dh’aois agus thog seo ceist no dhà oir tha na leapannan gu math gu math tana agus cha robh rùm sam bith ann dhi le a mam no a piuthair. Mar sin, cheannaich sinn seòrsa travel cot dhi. Leis an fhìrinn innse, bha e na bu choltaich ri teanta na cot ach rinn i a’ chùis co-dhiù! Chaidh i a-staigh dhan teanta le deoch bainne is cha do nochd i a-rithist gu Watford Juction!

Fhuair Jenny is na nighnean leapannan ach fhuair mi fhèin cathair – bargan aig dìreach £18.

Tha riaghailt neònach air an trèana oidhche nach fhaod thu càr a’ bhàr a chleachdadh ach a-mhàin ma tha leabaidh agad air an trèana. Mar sin, cha bu chòir na daoine bochda mar mi fhèin a bhith a dol ann idir. A chionn’s gun robh mi ann leis an teaghlach, bha mi a’ smaoineachadh gu biodh e OK a dhol ann còmhla riutha airson cofaidh luath agus bha, ach air an t-slighe air ais, bha fear a’ chàr-lounge gu math Stalineach mun chùis. “Dè a’ choidse air a bheil sibh” thuirt e? “Erm, coidse E” arsa mi is làn fhios agam gun rachadh mo chur a-mach nam bithinn air an fhirinn innse.

Tha doras tòisich is doras cùil aig a’ chàr-lounge agus tha an seated sleeper tron doras cùil. Gus nach fhaiceadh e mi a’ dol tron doras ud, bha mi a’ dol a choiseachd a-mach às an treàna agus a-steach dhan choidse agam a-rithist a-mach à sealladh. Ach mus robh cothrom agam rud sam bith a dhèanamh, dh’fhalbh an trèana airson Glaschu agus bha mi a-nis stucte sa chàr-lounge. Bha aig Jenny ri còmhradh a thòiseachadh le fear a’ bhàr gus am b’ urrainn dhomh teicheadh nuair nach robh e’ coimhead!

Deagh spòrs!

Bidh franchise ùr na trèana oidhche a’ tòiseachadh an ath-bhliadhna agus thathar ag ràdh gum bi an trèana ùr spaideil agus gum bi barrachd roghainn ann, a’ gabhail a-steach seòmraichean nas motha agus ensuites àm measg rudan eile. Bidh seo math oir tha an t-seirbheis feumach air ùrachadh. Tha mi dìreach an dòchas nach tèid na prìsean an àirde cus. Chosg e dhuinn £70 gach slighe airson an turais gu Lunnainn airson ceathrar agus cha robh feum againn air taigh-òsta air a’ chiad oidhche no an oidhche mu dheireadh.

Alasdair

IMG_4169-0.JPG

IMG_4171.JPG

IMG_4170.JPG

IMG_4173.JPG

IMG_4172.JPG

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s