‘S e Essex an t-aon slighe! – Epping taobh ‘Lùb Thaigh an Uillt’ #gàidhlig @eorailway

Chaidh mi gu Essex airson a’ chiad turais an t-seachdain sa chaidh. Chaidh mi eadar Lunnainn agus Epping aig ceann an Central Line. Bha mi riamh airson a dhol gu Epping oir tha dhà no trì rudan a tha sònraichte mu dheidhinn.

Sa chiad dol a-mach, tha Lùb Hainault ann – cearcall deas air Epping air a bheil stèisean Grange Hill (seadh, an da-rìribh! Dè cho cool sa sin!). ‘S e Lùb Thaigh an Uillt a th’agam air sa Ghàidhlig!

Aig Stèisean Epping cuideachd, tha seann loco London Underground a tha mu 90 bliadhna a dh’aois is a tha dèante a-mach a dà choidse ‘Standard Stock’. Chunnaic mi dealbh den loco ann an leabhar a bh’ agam nuair a bha mi nam bhalach agus bha mi riamh airson fhaicinn. Tha mi a-nis air fhaicinn san fheòil agus air dealbh a thogail.

Loco L11, Epping

Loco L11, Epping

‘S e Epping ceann na loidhne a-nis, ach b’ àbhaist dhan loidhne a bhith a’ dol air adhart 6.5 mìltean eile gu Ongar.  Chaidh an loidhne goirid seo a dhùnadh ann 1994 a chionn’s gun robh feum air siostam dealain ùr dhan loidhne is nach robh London Underground airson an t-airgead a chosg air. Faic am mapa gu h-ìosal den sgìre ro 1994.

epping-ongar-railway-12 (1)

‘S e dùnadh gu math beag-lèirsinneach a bha seo agus tha fios agam gum biodh an loidhne gu math soirbheachail nan robh i fhathast fosgailte às dèidh mar a dh’fhàs Lunnainn às dèidh sin.

Chaidh an loidhne a reic ri companaidh leasachaidh a gheall gun cuireadh iad seirbheisean rèile do chomutairean air dòigh gu luath. Cha do thachair sin idir agus às dèidh greiseag thug iad às na rèilichean dealanach, ag ràdh nach robh iad sàbhailte tuilleadh agus coineanaich air cron mòr  a dhèanamh orra! Attack of the Were-Rabbits no leisgeul lag le companaidh leasachaidh a bha ag iarraidh taighean a thogail gun a bhith a’ bodraigeadh leis na trèanaichean a gheall iad?

Stèisean Epping, Central Line. An till trèanaichean Ongar dhan stèisean latha de na làithean?

Dh’fhàs cùisean na bu neònaiche às dèidh sin agus moladh ann gum bu chòir dhan loidhne atharrachadh gu gèidse 5′ le seann locothan smùid às an Fhionlainn. Cha do thachair sin nas motha, ged a tha na locothan Fionlannach fhathast ann an Ongar.

Gu fortanach, chaidh an loidhne a cheannach is ath-fhosgladh le neach-gnìomhachais a tha dèidheil air trèanaichean agus a chosg tòrr mòr airgid oirre.  Tha an loidhne air a bhith gu math soirbheachail a chionn ’s gu bheil i cho faisg air Lunnainn.

Clas 25, Rathad-iarainn Epping Ongar

Chan fhaigh na trèanaichean a-steach gu stèisean Epping an-dràsta ach tha an loidhne air seann bhusaichean a chur air dòigh eadar Epping, Ongar, Shenfield agus stèisean North Weald. Bidh na trèanaichean a’ ruith an dà chuid North Weald-Ongar agus North Weald-Coopersale. Air aon taobh, chì thu achaidhean uaine àlainn le craobhan aosta agus air an taobh eile, tha thu a’ dol a-steach gu Epping Forest fhèin.

Tha an dà chuid trèanaichean smùid agus trèanaichean dìosal air an loidhne agus mar sin, tha rudeigin ann airson a h-uile duine. Tha Peak (Clas 45) aca agus Clas 25, Crompton (Clas 33), Clas 73 agus Clas 37 a bharrachd air Thumper Clas 205. Tha na stèiseanan a cheart cho spaideil sa bha iad bho chionn 100 bliadhna cuideachd.

Mholainn an loidhne – agus Essex – gu mòr!

Alasdair

Grange Hill – tha an leithid de dh’àite ann!!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte agus a thagadh , , , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

3 Responses to ‘S e Essex an t-aon slighe! – Epping taobh ‘Lùb Thaigh an Uillt’ #gàidhlig @eorailway

  1. Pingback: An trèana anns an drèana – the Waterloo and City Line #gàidhlig @wlooandcityline | Trèanaichean, tramaichean is tràilidhean

  2. Thuirt johnhlittler:

    Sorry I don’t know Gaelic, but did you know about the colony of miniature albino scorpions that used to live on North Weald Station

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s