Eòin Baistidh air an Central Line! #gaidhlig

Dh’aithris mi air Rathad-iarainn Epping Ongar sa bhloga mu dheireadh agam. Bhuail e orm às dèidh làimh gu bheil ceangal laidir ann eadar an loidhne sin agus luchd na Gàidhlig ann an Lunnainn.

Clas 45

Clas 45 “Peak” aig Rathad-iarainn Epping Ongar, Essex

Bho chionn ceud bliadhna no mar sin, bhiodh Eòin Baistidh a’ baisteadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an Coille Epping aig ceann an Central Line.* Eòin baistiche? Seadh! Chan e am fear air a bheil sinn eòlach on Bhìoball ach fear air an robh Eòghann MacDhòmhnaill. Bidh sibh gu math eòlach air an ainm eile a bh’ air– Edward Dwelly. Mar sin, chan e fear na Fìrinn a bh’ ann ach fear an Fhaclair!

Edward Dwelly - fear an fhaclair

Edward Dwelly

Dè bha e ris? A rèir coltais, bhiodh e a’ baisteadh luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le ainmean Gàidhlig ann an cuirmean ann an Coille Epping às dèidh dhaibh ìre a ruighinn anns a’ chànan. Chuala mi an sgeulachd seo bho mo dheagh charaid, an sàr ghaisgeach am Proif Coinneach MacFhonghuin a fhuair an sgeulachd bho phàipear a rinn am Proif Uilleam MacGiIllIosa – an t-ogha aig Liam MacGillIosa a bha an sàs gu mòr ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Lunnainn aig an aon àm ri Dwelly.

Gu bhith air do bhaisteadh mar Ghàidheal? Gabh trèana mar seo air an Central Line!

Chan eil mi cho cinnteach ri cinnteach carson a rinn Dwelly seo ach tha beachd agam agus aig Ken gun robh e a’ feuchainn ri ceist a tha fhathast aig luchd-ionnsachaidh  fhuasgladh. Rinn mi PhD mu luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (tha an leabhar ri fhaighinn fhathast ann am bargain bin faisg ort!) agus tha mi gu math eòlach air a’ cheist seo.

Seo a’ cheist – ma thòiseachas tu air Gàidhlig ionnsachadh, ‘s e neach-ionnsachaidh a th’ annad, ach dè a th’ annad mas e is gun ionnsaich thu a’ Ghàidhlig gu fileanta? Bidh cuid a’ cur “neach-ionnsachaidh” ort ge b’ e cho fileanta sa dh’fhàsas tu.

Ma tha deas-ghnàth inntrigidh  (initiation rite) ann gu coimhearsnachd na Gàidhlig – bho bhith nad neach-ionnsachaidh gu nad neach-labhairt Gàidhlig.  (No fiù’s nad Ghàidheil?) Bheir seo nadar de “dhùnadh” dhut agus an uair sin, tha fèin-aithne ùr agad mar fhileantach na Gàidhlig.

Chan eil fhios agam dè na h-ainmean a bheireadh Dwelly don luchd-ionnsachaidh ùr– am biodh e dìreach a’ cur cruth Gàidhlig air an ainmean no am biodh iad a’ cruthachadh ainmean  ùra dhaibh – rudeigin mar na h-ainmean a bh’ aig na daoine aig an Fhèis san leabhar an Beál Bocht (The great Gaelic Feis at Coirce Dorcha) no mar na h-ainmean sgoinneil aig na bàird aig Gorsedh Kernow.

Am Proif Coinneach MacFhionghuin

B’ àbhaist do Choinneach a bhith a’ teagasg cùrsaichean samhraidh aig Colaiste Wansfell ann an Epping Forest ann an Essex agus bhiodh esan a’ baisteadh an luchd-ionnsachaidh san aon dòigh.  Bhiodh e ga dhèanamh ann an dòigh spòrsail, a’ leughadh a-mach piosan èibhinn às a’ Bheál Bhocht agus bhiodh e an uair sin a’ toirt dhaibh ainm Gàidhlig – an rud as fhaisg a b’ urrainn dha lorg air an ainm Beurla aca. Mar a tha e ag ràdh sa Bhìoball:

 Agus chaidh a-mach da ionnsaigh tìr Essex agus luchd-àitheachaidh Lunnainn, agus bhaisteadh leis iad uile ann an Coille Epping, ag aithneachadh an cuid adhartais sa Ghàidhlig. Agus bha Coinneach air èideadh le fionnadh chàmhal, agus crios leathair ma leasraidh; agus bu bhiadh dha lòcust agus mìl fhiadhaich. (Marcus 1:5,6).

Chan fhaca mi dad mar sin nuair a bha mi fhèin ann an Epping is Ongar ach chanainn gur e deagh bheachd a bhiodh ann: seòrsa ceumanachadh airson luchd-ionnsachaidh gus innse dhaibh gur e pàirt den choimhearsnachd Ghàidhlig a th’ annta agus gu bheil an cànan LEOTHA a bharrachd air ACA! Dh’fhaodadh seo a bhith ann an coille no fiù’s aig tachartas ann an talla àbhaisteach!

NOTA:

Às dèidh dhomh seo a phòstadh, Fhuair mi a-mach bho Choinneach gun robh cuid den fhiosrachadh agam ceàrr. Seo na thuirt e:

B’e Liam MacIll’Iosa, na sheanair don Prof Uilleam MacIll’Iosa a bha an duine a rinn am baisteadh. B’abhaist dha turasan-coiseachd a chur air bonn airson Comunn na Gaidhlig an Lunnainn ann an Coille Epping agus air na turasan seo b’abhaist dha seirbheis-baistidh a’ stiuireadh airson luchd-ionnsachaidh a rachadh fileantach. B’ann mar sin a’n d’fhuair Eideard Dwelly ‘ainm Gaidhlig mar Eòghann MacDhomhnaill.

Bha mi a’ deanamh an aon rud aig Colaisde Wansfell, far an robh mi a’ cur air doigh cursaichean Gaidhlig deireadh seachdanail da uair ‘sa bhliadhna eadar 1978-2005. Bha Colaisde Wansfell ann Theydon Bois (aon stad roimh Epping) aig oir Coille Epping, agus faisg air Ambresbury Banks, seann daingeanach Ceilteach anns a’ choille. (Far an robh Boudicca a’ campachadh mus do chur I Lunnainn na loisg.)

Taing Mhòr airson mo chumail ceart a Choinnich!

Alasdair

*Cha deach an Central Line fhosgladh gu 1900 is mar sin, dh’fhaodte nach robh i ann aig an àm, ach sin sgeulachd eile!

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Eòin Baistidh air an Central Line! #gaidhlig

  1. Thuirt seamusmacseain:

    go raibh maith agat as na haltanna seo a rannadh linn. ia togha liom iad. tá mé i ndiaidh an leabhar a luaigh tù san alt a ordú ó Amazon. tá mé ag dúil lena léamh

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s