Cathair-bhailtean gun chàraichean #gaidhlig

Leugh mi aiste fìor inntinneach mu bhailtean mòra gun chàraichean an latha roimhe.

‘S fhiach a leughadh oir tha tòrr bheachdan ann air mar a nì sinn bailtean mòra nas fheàrr tro chòmhdhail phoblach nas fheàrr, planadh nas fheàrr agus àiteachan poblach nas fheàrr.

Is fìor thoil leam cathair-bhailtean* – gun sònraichte Glaschu, Dùn Èideann, Beál Feirste, Caerdydd, An Caisteal Nuadh agus Lunnainn. Chan ann dhomhsa idir a tha a’ bheatha dhùthchail. ’S fheàrr leam iomadachd is traingead na cathrach le diofar rudan daonnan a’ tachairt is tòrr rudan ri dhèanamh fad an t-siubhail. Is toil leam cuideachd gu bheil coimhearsnachd ann ma tha thu ga iarraidh ach aig an aon àm gu bheil tòrr anonymity (neo-ainmeachd?) agad cuideachd ma tha thu ag iarraidh sin.

Ach mar a dh’aithris an aithisg, tha cus chàraichean sna bailtean mòra. Chan e a-mhàin gu bheil na bailtean tro thrang le càraichean, ach gu bheil na bailtean air an dealbhadh a rèir feumalachdan nan dràibhearan.

Tha e cudromach airson mathas beatha gum bi nas lugha de chàraichean anns na bailtean mòra ach tha e cuideachd deatamach airson adhbharan na h-àrainneachd. Mar a chunnaic sinn an t-seachdain seo fhèin, tha barrachd is barrachd fianais ann gu bheil atharrachadh clìomaid a’ tachairt nas luaithe nas bha sin an dùil agus a rèir coltais, chan eil Alba air na targaidean carboin reachdail a choilionadh am-bliadhna.

Dè nì sinn ma-thà?

Seo na molaidhean agam airson cathair-bhailtean na h-Alba:

Busaichean:

Aig an ìre seo, tha seirbheisean bus sgoinneil ann an Dùn Èideann ach gu math truagh sna cathraichean eile. San fharsaingeachd, tha iad daor, agus tha a h-uile rud caran troimhe a chèile le tòrr diofar chompanaidhean an-sàs ann agus tha e doirbh fiosrachadh a lorg mu dheidhinn seirbheisean. Tha barrachd co-òrdanachaidh a dhith.

  • Ath-riaghlaich (re-regulate) seirbheisean bus agus no cuir ann an seilbh na cathrach (municipalise) iad. Tha na seirbheisean bus as fheàrr ann am bailtean far a bheil iad air an riaghladh agus/no anns an roinn phoblaich (Lunnainn, Beál Feirste, Dùn Èideann). Tha na h-àireamhan ag èirigh ann an Dùn Èideann is Lunnainn ach a’ crìonadh ann am bailtean eile.
  • Ma bhios ath-riaghladh ann, ge b’ e cò leis a tha na busaichean, bu chòir aon sgeama-datha, siostam thiocaidean, mapa, app agus mar sin air adhart a bhith aig airson a h-uile bus anns a’ chathair sin. Ann an Lunnainn tha na busaichean gan ruith le diofar chompanaidhean às leth Transport for London ach chan eil sin gu diofar don neach-siubhail oir tha iad uile dearg is ‘s e an aon chosgais a bhios ann.
  • Lùghdaich faraidhean.
  • Bu chòir busaichean a bhith saor is an asgaidh airson clann fo 10 bliadhna a dh’aois mar a tha iad ann an Lunnainn.
  • Bu chòir clàran-fiosrachaidh dealanach a bhith aig gach stad-bus agus air gach bus.
  • Bhiodh e feumail nan robh wifi air a h-uile bus.
  • Bu chòir pàigheadh a bhith le cairt a-mhàin mar a tha a’ tachairt ann an Lunnainn gus tìde a shàbhaladh.

New Bus for London/New Routemaster/Borismaster

Rathaidean-iarainn:

Aig an ìre seo, chan eil seirbheisean rèile tric gu leòr, tha a’ mhòr-chuid de na seirbheisean rèile a’ stad  ro 23:00 agus chan eil trèanaichean idir ann Didòmhnaicih air tòrr loidhnichean.

  • Dealanaich (electrify) gach rathad-iarainn coimiutair ann am mòr-sgìre Ghlaschu. Tha a’ mhòr-chuid dealanach mar-thà is mar sin, chan e obair ro mhòr a t ha seo.
  • Àrdaich tricead nan seirbheisean gu co-dhiù 4 trèana gach uair air gach loidhne coimiutair ann am mòr-sgìre Ghlaschu. Cuir branding air dòigh coltach ris an Overground ann an Lunnainn.
  • Cuir trèanaichean air dòigh gu co-dhiù meadhan oidhche air na loidhnichean coimiutair agus eadar Glaschu is Dun Èideann.
  • Ruith trèanaichean air gach loidhne air Didòmhnaich gus an dèan daoine siopadaireachd ann am meadhan a’ bhaile seach ann an ionadan siopaidh air an iomall.

Subway Ghlaschu

Còmhdhail cheangailte:

  • Thoir a-staigh cairt tapaidh (smartcard) coltach ris an Oyster ann an Lunnainn airson trèanaichean, busaichean, agus subway. Bu chòir auto top-up a bhith air cho math ri cap air nas urrainn dhut cosg air ann an aon latha.
Tha feum againn air seo ann an Alba cuideachd!

Tha feum againn air seo ann an Alba cuideachd!

San fhad-ùine:

  • Thoir a-steach cìsean rathaid agus cìsean air àiteachan pàrcaidh ann an ionadan siopaidh taobh a-muigh nam bailtean. Bhiodh an t-airgead seo air a chosg air còmhdhail.
  • Thoir air ais tramaichean is busaichean-tràilidh.is fosgail/ath-fhosgail rathaidean-iarainn is stèiseanan (m.e Sub Dhùn Èideann).

Alasdair

*San dol seachad, chan eil mi idir idir a’ gabhail ris gur e cathair-bhaile a th’ ann am Peairt no Sruighlea ged a tha iad a’ cur sin orra fhèin! Sruighlea gu seachd sònraichte! Sruighlea? Na chathair-bhaile?

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Uncategorized. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s