Tha tòrr air a bhith anns na naidheachdan bho chionn goirid mu chumhachdan ùra do Phàrlamaid na h-Alba. An robh fhios agad, ge-tà, gu bheil Seanadh na Cuimrigh gu bhith a’ faighinn cumhachd cudromach ùr a dh’aithghearr cuideachd?

Tramffordd y Gogarth, Llandudno
Dh’aithris mi às t-Samhradh gun robh fèin-riaghaladh air piseach a thoirt air seirbheisean rèile na Cuimrigh agus gun robh deasbad a-nis ann am bu chòir barrachd chumhachdan a bhith aig Seanadh Nàiseanta na Cuimrigh air rathaidean-iarainn.
Dh’fhiollsich Riaghaltas na RA na bu thràithe an t-seachdain seo gum biodh cead-ruith (franchise) airson franchise rèile na Cuimrigh is nan Crìochan air a thiomnadh (devolved) gu Seanadh na Cuimrigh mar a tha seirbheisean ScotRail do Phàrlamaid na h-Alba mar-thà. Deagh naidheachd!
Alasdair