Cofaidh is Craic ann an Glaschu #gàidhlig @CoffeeAndCraic

Mar as trice, bidh mi a’ coimhead air tursan rèile gu math fada air a’ bhloga seo ach chaidh mi air turas goirid ach fìor mhath Disathairne.

Ionad Taisbeanaidh (EXG)

Ghabh mi an trèana bho Ghlaschu Mheadhain gu Ionad Taisbeanaidh (far a bheil soidhne Gàidhlig ùr air a dhol suas bho chionn goirid) agus choisich mi gu Sràid Elderslie faisg air làimh airson a dhol gu Coffee and Craic, a’ bhùth cofaidh ùr airson coimhearsnachd Ghàidhlig Ghlaschu.

Air an t-slighe, chaidh mi gu Glaschu Mheadhain (ìre ìosal – GCL) agus bha e gu math gu math trang. Dh’fhaighnich mi do chuideigin “càite a bheil a h-uile duine a’ dol?”

“Dhan Hydro a dh’fhaicinn Nicola”.

“Cò Nicola?” Dh’fhaighnich mi agus mi a’ smaoineachadh gun robh e a’ bruidhinn air rionnag pop air choireigin a bha gu bhith a’ dèanamh consairt.

“Prìomh Mhinistear Nicola” arsa e. Nach mi a bha a’ faireachdainn gòrach!

Co-dhiù, cha b’ e poilitigs a bha romhainn ach cànan is cofaidh!

Tha Cofaidh is Craic gu math gu math faisg air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu agus ruigear e an dàrna cuid bho Stèisean Ionad Taisbeanaidh (EXG – ma tha thu a’ tighinn bho Stèisean a’ Mheadhain) no bho Charing Cross (CHC – ma tha thu a’ tighinn bho Stèisean Sràid na Banrighinn).

‘S e bùth cofaidh snog a th’ ann an Cofaidh is Craic a chaidh a mhaoineachadh tro crowdfunding (maoineachadh-sluaigh?) mar iomairt shòisealta. Agus abair thusa gun robh feum air a leithid! Tha na mìltean de luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh Gàidhlig ann an Glaschu ach cha robh àite cruinneachaidh aig a’ choimhearsnachd gu ruige seo. Tha tachartasan Gàidhlig ann ceart gu leòr, ach tha e cudromach gum bi cothroman coinneachaidh neo-fhoirmeil ann cuideachd.

‘S e bùth gu math uaine a tha seo cuideachd, a’ cleachdadh stuth air a shuas-chuairteachadh (upcycled) agus ailtireachd-sgudail (junktecture) a bharrachd air biadh is cofaidh bho chompanaidhean ionadail.

Cha robh mi ann ach airson uair a thìde no mar sin ach chunnaic mi daoine le Gàidhlig bho thùs, pàrantan le clann anns an sgoil agus luchd-ionnsachaidh ann fhad’s a bha mi ann.

Mholainn Cofaidh is Craic gu mòr agus bu chòir do gach duine aig a bheil Gàidhlig – no a tha ga h-ionnsachadh – a dhol ann gu tric is minig!

Alasdair

 

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig. Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

2 fhreagairt ri Cofaidh is Craic ann an Glaschu #gàidhlig @CoffeeAndCraic

  1. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

    'S toil

  2. Thuirt SocialMediaAlba:

    Reblogged this on Social Media Alba and commented:
    “‘S e bùth cofaidh snog a th’ ann an Cofaidh is Craic a chaidh a mhaoineachadh tro crowdfunding (maoineachadh-sluaigh?) mar iomairt shòisealta.”

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s