Loidhne eile nan Crìochan #gàidhlig

Feithidh tu 45 bliadhna airson seirbheis rèile sna Crìochan agus an uair sin, thig dà aig an aon àm!

Stèisean Bhearaig

Bho 1969, chan eil stèisean rèile sam bith air a bhith anns na Crìochan, suidheachadh tàmailteach dha-rìribh.

Gu fortanach, tha an suidheachadh seo gu bhith ag atharrachadh a dh’aithghearr.

Tha tòrr a bhith anns na naidheachdan mu Rathad-iarainn nan Crìochan (Slighe a’ Waverley) eadar Dùn Èideann is Gala/Tweedbank a dh’fhosglas ann an 2015.

Chaidh fhoillseachadh cuideachd bho chionn goirid, ge-tà, gum bi stèisean eile san sgìre mun bhliadhna 2016: seo Reston air Prìomh-loidhne a’ Chosta an Ear (ECML) eadar Dùn Bàrr is Bearaig. Bidh stèisean eile ann aig Linton an Ear ann an Lodainn an Ear cuideachd agus thèid na stèiseananan ùra seo a fhrithealadh le seirbheis ionadail ùr aig ScotRail eadar Dùn Èideann is Bearaig.

Cha robh trèana sam bith aig ScotRail a’ stad aig Dùn Bàrr gu 2010 agus mar sin, ‘s e East Coast a bhios a’ stiùireadh an stèisean. Tha seo gu bhith ag atharrachadh ge-tà agus tha e gu bhith air a stiùireadh le ScotRail san àm ri teachd. Tha seo a’ ciallachadh gum bi soidhnichean Gàidhlig ann. Yay!

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an rathaidean-iarainn agus a thagadh . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out / Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out / Atharraich )

Dealbh Google+

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Google+ agad. Log Out / Atharraich )

Connecting to %s