Mannin – Ellan ny Draenyn / Manainn – Eilean nan Trèanaichean #gàidhlig #gaelg

Tha ùidh mhòr air a bhith agam fad mo bheatha ann an Eilean Mhanainn – an cànan, an siostam politigeach agus na rathaidean-iarainn.

Cha robh cothrom agam a dhol ann fhathast ach tha mi gu bhith a’ dol ann an ath bhliadhna mu dheireadh thall. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri trèanaichean beaga, Gaelg (Gàidhlig Mhanainn) agus a bhith ag òl fada cus còmhla ri luchd-iomairt cànain. Bu toil leam an Tinbheal (Pàrlamaid Mhanainn) fhaicinn cuideachd.

Seo mapa den lìonra rèile ann am Manainn san latha an-diugh.

final new manx

Seo na bailtean air a’ mhapa le fuaimneachadh ann an siostam-litreachaidh na Gàidhlig agus leis na h-ainmean Beurla:

Balley Chashtal: ‘Baile a’ Chaisteil’ – Castletown, Doolish: ‘Dùbhlais’ – Douglas, Laksaa: ‘Lagsà’ no ‘Lagsa’ – Laxey, Purt le Moirrey: ‘Purt la Muire’ – Port St Mary, Purt Çhiarn: ‘Purt Tighearn ‘ – Port Erin, Rhumsaa: ‘Rumsà’ – Ramsey.

Tha rathad-iarainn smùid Mhanainn ann cho math ri trì slighean-trama: Raad-Yiarn Cabbyl Vaie Ghoolish (Slighe-trama each Dhùbhlais), Raad-Yiarn Lectragh Vannin (Rathad-iarainn Dealanach Mhanainn): Doolish-Rhumsaa, agus Raad-Yiarn Sniaull (Rathad-iarainn Beinne Sniaull/Snaefell): Laksaa-Sniaull.
Agus seo mapa den lìonra mar a bha e nuair a bha na rathaidean-iarainn aig àird an treas.

manx railways old hi res snip
Balley Keeil Eoin: ‘Baile Cill Eòin’ – St John’s, Purt ny h-Inshey: ‘Purt na h-Innse’ – Peel, Forsdal – Foxdale.

B’ àbhaist dà shlighe-trama eile a bhith ann cuideachadh – Upper Douglas Cable Tramway, Douglas Southern Electric Tramway ach dhùin iad sin cuideachd.

Dhùin loidhne Port na h-Innse agus loidhne a chinn a tuath ann an 1968. Chaidh an còrr den lìonra a chumail a’ dol leis an riaghaltas agus na rathaidean-iarainn is tramaichean a-nis ag amas gu ìre mhòr air luchd-turais is dealasaich-thrèanaicean. Ach ged a chaidh gearraidhean a dhèanamh, ’s e lìonra gu math mòr a th’ann fhathast airson eilean gu math beag. Thathar air beachdachadh air seirbheisean dìosal luath a chur air dòigh do choimiutairean a bharrachd air na trèanaichean smùid do luchd-turais ach cha do thachair seo fhathast.

Agus a bharrachd air prìomh loidhnichean Mhanainn, tha rathad-iarainn glèidhte no dhà ann cuideachd – Raad-Yiarn Glion Groudle (Groudle Glen Railway), Great Laxey Mine Railway agus meanbh-rathad-iarainn ann an Curraghs Wildlife Park. Tha dhà no trì taighean-tasgaidh còmhdhail ann cuideachd – abair eilean!

Tha mi air a bhith ag obair air mo chuid Gaelg -Gàidhlig Mhanainn – gus an tèid agam air bruidhinn ris na Manannaich! Tha fìor dheagh goireasan ann airson Gàidhlig Mhanainn ionnsachadh aig learnmanx.com. Bidh mi ag obair air mo chuid Gaelg agus tha mi an dòchas gun cleachd mi beagan dhith air a bhloga seo fhathast! Tha mi air tòiseachadh air tweeteadh ann an Gàidhlig Mhanainn ann an litreachadh Manainneach agus litreachadh na Gàidhlig cuideachd aig @am_broc.

Alasdair

About alasdairmaccaluim

Eadar-theangair, neach-leasachaidh cànain, neach-iomairt Gàidhlig, sgrìobhadair, rocair agus droch chluicheadair beus.
Chaidh seo a phostadh ann an Gàidhlig, meanbh rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn, rathaidean-iarainn dùinte, Rathaidean-iarainn glèidhte, tramaichean agus a thagadh , , , , , , , . Dèan comharra-lìn dhen bhuan-cheangal.

1 Response to Mannin – Ellan ny Draenyn / Manainn – Eilean nan Trèanaichean #gàidhlig #gaelg

  1. Thuirt Tuairisceoir:

    Reblogged this on An Tuairisceoir.

    'S toil

Fàg freagairt

Cuir a-steach am fiosrachadh agad gu h-ìosal no briog air ìomhaigheag gus clàradh a-steach:

WordPress.com Logo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas WordPress.com agad. Log Out /  Atharraich )

Dealbh Twitter

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Twitter agad. Log Out /  Atharraich )

Facebook photo

Tha thu a' toirt seachad beachdan leis a' chunntas Facebook agad. Log Out /  Atharraich )

Connecting to %s